Dreuchd ùr ann an 2022?

ADVERTISING FEATURE: NEW YEAR, NEW CAREER

Aig an àm seo den bhliadhna, bidh sinn tric a’ smaoineachadh air ar dreuchdan atharrachadh agus mar sin is dòcha gum bi an goireas ùr aig Bòrd na Gàidhlig feumail dhuibh ma tha sibh a’ beachdachadh air dreuchd ùr ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.


A’ leantainn air na dleastanasan agus geallaidhean a tha ann am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018-23 gus tidsearan Gàidhlig a thrusadh, a ghlèidheadh is oideachadh agus sanasachd a dhèanamh air teagasg Gàidhlig mar dhreuchd, tha Bòrd na Gàidhlig air padlet a chruthachadh, a’ togail air bhon bhileag ‘A bheil thu airson teagasg sa Ghàidhlig?’ aig Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba.

Dè th’ann am padlet?
’S e goireas didseatach a th’ ann am padlet far a bheil làraich-lìn, sgrìobhainnean agus bhideothan air an cruinneachadh air balla. Lorgair na slighean eadar-dhealaichte a-steach gu teagasg sa Ghàidhlig, agus tha e na amas gum bi seo na dhòigh tharraingeach dha daoine am fiosrachadh a tha a dhìth orra gus gluasad gu teagasg sa Ghàidhlig fhaighinn gu sgiobalta.


Cò dha a tha e?
Tha padlet ann gus stiùireadh a thoirt do thidsearan clàraichte a tha airson an sgilean cànain a leasachadh gus gluasad gu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig; agus padlet eile dhaibhsan a tha a’ beachdachadh air cùrsa Foghlam Gàidhlig a dhèanamh aig ìre fo-cheum no iar-cheum.


Gheibh sibh a-steach dhan phadlet le bhith a’ sganadh an còd QR no theirigibh gu gaidhlig.scot/ga/foghlam/fiosrachadh-as-uire


Considering a new career in Gaelic teaching?
Padlets have been created to present the different pathways into teaching in Gaelic, with information for both registered teachers wishing to develop their language skills to teach in Gaelic and students considering an undergraduate or postgraduate Gaelic Education course.


Access the padlet by scanning the QR code with your device or by visiting gaidhlig.scot/en/education/latest-information


Ma tha ceistean agaibh, cuiribh fios don Oifigear Leasachaidh againn aig angela@gaidhlig.scot