Rinn mi colbh an t-seachdain sa chaidh mu dheidhinn Gàidheil agus ball-coise, agus cha robh mi airson prìomh spòrs nan Gàidheal – iomain – fhàgail às, agus mar sin seo beagan dhe na cuimhneachain agam ceangilte ris an spòrs iongantach sin.
Cha chuala mise facal mu iomain a’ fàs suas ann an Uibhist a Deas, agus chan fhaca mi caman gus an do ghluais sinn a-mach dhan Òban nuair bha mi mu thri-deug. Agus bha gu leor dhiubh timcheall a’ bhaile sin, gun teagamh!
Ged nach fhaca mise iomain a’ fàs suas an Uibhist chan eil sin a’ ciallachadh nach robh e ann uair dhen t-saoghal. Ciamar nach bitheadh, son geama chaidh thoirt a dh’Alba, còmhla ris an t-soisgeul agus ar cànan, à Eireann còrr air mìle gu leth bliadhna air ais? Chlàr D.R Dòmhnallach còir nach maireann còmhradh prìseil ri Lachlann MacCuithein ag innse mun gheam’ mhòr a chaidh a chluich eadar sgire Sholais agus Taigh Ghearraidh an Uibhist a Tuath ann an 1907. Ghleidh na siaraich 4-0! Chan e a-bharrachd gu robh e (no gu bheil e) air a chuingleachadh chun na Gàidhealtachd: tha am balach agam a’ dol dhan Oilthigh sa Chuimrigh as t-fhoghair, agus cothrom gun cluich e airson Sgioba Chamanachd Bhristol!
Chan eil duine a tha nas fiosrachaile agus chan eil duine a tha ans fhearr air eachdraidh iomain innse na Uisdean MacIllinein, agus fàgaidh mi sin aige-san. Mholainn gu mòr an leabhar inmholta aige mun iomain ‘Not an Orchid’: gheibh sibh tlachd agus gach fiosrachadh a tha feumail a thaobh iomain an sin.
Ach mar a thuirt mi, b’ann nuair a rainig mise an t-Oban a chuala mi mu iomain. Bha dà sgioba mhòr ann – Camanachd an Òbain agus Celtic an Òban – agus abair gun robh farpais gu leòr eatorra. Uaireannan a-muigh air na sràidean agus anns na taighean-seinnse a bharrachd air na pàircean! Camanachd an Òbain an sgioba bu shine, air an steidheachadh ann an 1889, le Celtic air an stèidheachadh ann an 1927 le cluicheadairean nach robh a’ faighinn geama leis an sgioba bu shine.
Tha sin fhèin a’ sealltainn gun robh òigridh gu leòr san àite son co-dhiù dà sgioba, agus tha mi air sgriobhadh sa cholbh seo cheana gu bheil sgiobaidhean spòrs ann an sgìrean dùthchail nan tomhas math air fallaineachd coimhearsnachd. Far a bheil daoine – far a bheil òigridh – bidh sgiobaidhean iomain is buill-coise is eile, agus far nach eil anns an àite ach daoine nas sine, agus daoine a tha air an dreuchdan a leigeil dhiubh, cha bhi.
Anns an dol seachad, is d’fhiach a ràdh cuideachd nach deach sgioba iomain Celtic an Òbain a stèidheachadh le ceangail sam bith ris an sgioba ud eile an Glaschu: gu dearbha thàinig e sìos gu crannchur, no tilgeil a’ bhuinn. Cas no bas mar a chanas iad ann an saoghal an iomain. Nan tuiteadh i air aon taobh is e Oban Celtic a bha iad a’ toirt orra fhèin, nan tuiteadh am bonn an taobh eile Oban Rangers!
Ball-coise a bha mise cluich fhad’s a mi san Òban, agus a-rithist bha lìg uamhasach làidir san sgìre aig an àm – rud nach eil ann a-nist. Bha Oban Saints ann mar prìomh sgioba (iadsan a’ dol fhathast aig ìre Albannach) agus cuideachd sgioba ‘Crusaders’. Bha sinne fuireach muigh air Eilean Shaoil agus mar sin bha mise cluiche son sgioba an eilein – Seil United – agus b’e geama mòr na bliadhna nuair chluicheas sinn Eilean Luinn. Thug e greis faighinn seachad air a gheama sin! A bharrachd air na sgiobaidhean sin bha grunn eile cuideachd anns an lìg – bha sgioba làidir aig Taigh an Uillt le Dàibidh MacThòmais na shàr-chluicheadair, agus sgioba aig Ceann Loch Gilp.
Ach saoilidh mi gur e seo an rud a tha mi airson suathadh air: mura toir thu cothrom do dh’òigridh rud fheuchainn, tha droch theansa gun dèan iad idir e. Mar a thubhairt mi, cha robh eòlas sam bith agamsa air iomain nuair ghluais sinn a mach dhan Òban agus nuair chaidh mi dhan àrd-sgoil an sin, ach chan eil aon cuimhne agam gun do rinn duine sam bith, anns an sgoil no a-mach às an sgoil, oidhirp sam bith iomain a theagasg dhomh.
Bha clasaichean PE againn grunn thursan gach seachdain, ach chan aithne dhomh gun d’fhuair sinn aon leasan ann an iomain: bha sin air fhàgail aig an fheadhainn a bha ga chluich cheana. An àite sin bhioidh sinn a’ streap àraidhean-fiodha agus a’ leum thairis eich-fhiodha agus a’ dèanamh ‘press-ups’ nuair a bha fliuch a-muigh, agus dol sìos gu Loch a’ Mhuilinn a chluich ball-coise nuair bhiodh i tioram. Ach aon turas nuair b’fheudar dhuinn cross-country a’ ruith anns an dìle dhèarrsach…
’S e an dealbh a bh’agam nach buineadh iomain dhòmhsa chionn’s nach robh e anns an ‘teaghlach’. Oir gu follaiseach bha teaghlaichean èasgaidh ann a bha bogte anns a’ gheama agus a bhiodh ga chluich a latha agus a dh’oidhche – Clann ’ic Chaluim agus na Slosses, mar eisimpleir, ach bha an còrr againn glaiste muigh. Bha e mar dhìomhaireachd dhuinn. Bhiodh am bus-sgoile againn làn madainn is feasgar le sgoilearan òga tighinn à Luinn agus Saoil a-steach dhan àrd-sgoil (mu 40 is còrr co-dhiù), ach chan aithne dhomh gun robh aon sgoilear bhon sgìre sin a’ cluich iomain. Bha an aon rud firinneach aig an àm mu na h-igheanan. Cha bhiodh iad a’ faighinn cothrom a chluich – nuair rachadh balaich an iomain a-mach a chluich iomain, rachadh tidsear a-mach leothasan a dh’ionnsaicheadh hocaidh!
Saoil nach eil sin beagan mar a’ Ghàidhlig? Tha e fìor chudromach gu bheil coimhearsnachdan agus teaghlaichean dùthchasach ann a chaidh (agus a tha) air an togail bogte anns a’ chànain, ach mura bheil na dorsan farsgaing fosgailte do dhaoine eile, nach eil sin mar a bha mise leis an iomain – le dealbh gum buin e do dhaoine sònraichte a tha eòlach air, agus nach ann dhòmhsa o chionns nach robh fhios agam dè an ceann dhen chamain a thogainn, gus an ionnsaicheadh cuideigin sin dhomh?
Ach dh’ionnsaich mi beagan, gun teagamh, taing dhan phàipear seo. Oir nuair a thòisich mi mar neach-naidheachd an toiseach ann an 1975 b’e dhol suas a Phort Righ a dh’aithris air geama iomain a’ chiad rud a b’fheudar dhomh dhèanamh. Agus is e chòrd rium: chan e a-mhàin an geama fhèin (chan eil cuimhn’am cò bha na Sgitheanaich a’ cluich, no de an scòr a bh’ ann) ach na daoine ris an do choinnich mi. Nan lùib Catrìona NicIlleathain nach maireann, nighean Shomhairle. Feumadh gun robh Somhairle fhèin air falbh an àiteigin an latha sin, ach bhruidhinn sinn mu bhàrdachd a dh’aindeoin. Chan e dìreach geama a th’ann, ach cultar.
Bha sgioba Cheann Loch Seile aig àird an comais anns na bliadhnachan sin agus tha mi fhathast taingeil do Noel Gordon còir a bhiodh a’ cumail fiosrachadh rium gach seachdain air mar a chaidh dhan sgioba. Tha e fhèin agus a’ bhràthair Donaidh anns an dealbh os cionn. Nuair a dh’fhònadh e agus a theireadh e gearr-chunntas dhomh air a’ gheama son a’ phàipear chanadh e gun do ghlèidh iad aon-neoini, agus cha ruiginn a leas faighneachd cò fhuair an tadhal. Mìcheal.
B’e 1990 latha mòr nan Sgitheanaich nuair ghlèidh iad (agus a chaill iad!) an Cupa Mòr! Sàr sgioba agus latha eachdraidheil gun teagamh dhan eilein. Tha mi an dòchas gun dèan iad a-rithist e cuideachd, ach chan ann roimh bhalaich a’ ghlinne: nach biodh e cothromach gu leòr nam faigheadh Ceann Loch Seile an Cupa Mòr cuideachd a dh’aithghearr?
Bhiodh Somhairle fhèin cho toilichte dhaibh cuideachd. Siuthadaibh – suas le na camain, ’illean agus a chlann nighean!