Aonghas Phadraig Caimbeul
Tha an rannsachadh mu staid na Gàidhlig a rinn am buidheann acadaimigeach ‘Soillse’ air beagan ùpraid adhbhrachadh, anns na meadhanan co-dhiù.
Chan e gu bheil gin dhe na co-dhùnaidhean aca nan iongnadh do neach sam bith a tha air a bhith dol timcheall le an cluasan agus an sùilean fosgailte o chionn bhliadhnachan.
Tha e air a bhith follaiseach airson deagh ùine gu bheil neart na Gàidhlig a’ làgachadh gu mòr anns na coimhearsnachdan dùthchasach, fhad ’s a tha am fàs àlainn tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig air nochdadh, gu h-àraidh anns na bailtean mòra – Glaschu agus Dùn Èideann agus Inbhirnis – bailtean a bha lèirsinneach gu leòr, as dèidh iomairtean làidir, airson foghlam Gàidhlig a fhreumhachadh anns na h-àrd sgoiltean a bharrachd air na bun-sgoiltean.
Ach bha a’ cheist riamh romhainn: dè cho làidir agus a bhios mion-chànan (sam bith) as aonais freumhan domhainn làidir anns a’ choimhearsnachd mun cuairt?
Ma tha a’ chànan dìreach air a cleachdadh anns an sgoil, nach bi i dìreach mar a bha Laideann is Fraingis dhuinne: rud a thogadh beagan gu ìre fileantachd, ach a dh’fhàgadh a’ mhòr‑chuid air an cùlaibh aon uair agus gun d’fhuair iad Creideas no Higher, agus a chanadh iad ‘Amo, Amas, Amat’ air no ‘Je m’appelle Murdo’.
Chan eil teagamh nach eil an riaghaltas agus an raon phoblach air a bhith taiceil dhan Ghàidhlig thairis air na deich bliadhna fichead a chaidh seachad.
Tha fhios’am gu bheil nàimhdean gu leòr againn, agus nach eil cuid dhe na rudan sin ach mar aodannain – a’ dèanamh an rud as lugha seach an rud as fheàrr – ach fhathast tha cor na Gàidhlig, gu laghail agus gu foirmeil, air stèidh nas fheàrr na bha e nuair a bha mise beag.
Siud àm nuair nach robh a leithid a rud ann ri Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig, ged a bha h-uile neach anns an sgoil, agus ann an raon-chluiche na sgoile, luma-làn de Ghàidhlig.
Gun ghuth a ràdh air na tidsearan a bha làn fhileanta, ach fhathast gar teagasg, anns na h-oilthighean cuideachd, sa Bheurla.
’S e a tha air tachairt gu ìre mhòr gu bheil leasachadh na Gàidhlig bhon uair sin air a bhith air a thoirt thugainn bhon mhullach (bhon mheadhan) sìos, seach a bhith air a fhreumachadh agus air uisgeachadh agus air a bhiadhadh agus air a thoradh on talamh suas.
Tha e colonialach anns an t-seagh seo: amasan is targaidean is co-dhùnaidhean air an dèanamh aig HQ, fo smachd maighstirean phoilitigeach Dhùn Èideann, agus an sluagh a-muigh anns na bailtean a’ coileanadh (no a’ fàilligeadh) nan àireamhan agus nan amasan sin.
Ma thig thu an aghaidh sin, tha thu air a dhol ‘Tùsanach’. ‘Nativism’ a chanas na h-eòlaichean phoilitigeach ris a rèir choltais, mar a chuir iad às leth an Còirneal Kurtz shuas anns a Chongo anns a fiolm stèidhichte air an sgeulachd iongantach aig Eòsaph Conrad, ‘The Heart of Darkness.’
Cuir mar seo e: chan e Nua‑Libearalach a bh’ anns a’ Choìrneil chòir!
Fhad ’s a thuigeas mi, tha an rannsachadh ùr seo a’ moladh modal a tha grunn againn air a bhith a’ moladh son iomadh bliadhna: freumhan a’ neartachadh anns na (beagan) coimhearsnachdan dùthchasach a tha fhathast air fhàgail far a bheil Gàidhlig air a cleachdadh gu nàdarra gach latha.
A thaobh cruinn-eòlais fhèin tha sin a’ ciallachadh, sa chiad dhol a-mach, na h-Eileanan Siar.
Chan e sònrachadh (‘special pleading’) sam bith a tha sin dha na h-eileanan, no dhan dòigh-beatha a tha iad a’ samhlachadh, ach aithne gu bheil tomhas mhath dhe ar neart fhathast freumhaichte anns an dùthaich sin.
Carson nach togamaid air an neart sin, fhad’s a tha e fhathast againn?
Chan eil sin a’ ciallachadh a bharrachd gum bu chòir dìochuimhnicheadh mu àiteachan eile.
Tha mo chousins ann an Glaschu, agus mo nighean ann an Inbhirnis, agus mo charaidean agus mo theaghlach-cèile ann an Dùn Èideann a cheart cho airidh air taic agus air misneachadh agus a tha mo cho-oghaichean ann an Uibhist agus mo charaidean am Barraigh no an Leòdhas.
Aidichidh mi, ceart gu leòr, uaireannan gu bheil thu nas fheàrr clìoras ‘coimhearsnachd Gàidhlig’ sam bith.
Nach iomadh Gàidheal a fhuair saorsa nuair thog iad orra dhan bhaile mhòr? Agus tha mi eòlach gu leòr air am bristeadh-cridhe bhith measg dhaoine nach bruidhinn Gàidhlig riut (no ri mo chuid phàistean) ged a tha làn an claiginn aca.
Uaireannan tha e math a bhith leat fhèin, ged nach èisteadh riut ach na faoileagan aig cidhe a’ Chaoil!
Ach mura neartaich sinn agus mura daingnich sinn agus mura leudaich sinn na freumhan anns na h-eileanan, cha bhi coimhearsnachd follaiseach làitheil againn, agus caillidh sinn bun-stèidh a dh’fhaodadh a bhith air leth prìseil airson fallaineachd cànain a neartachadh fad is farsaing.
Ged a tha crìonadh air tachairt gun teagamh, tha lios canain nan eilean fhathast againn, agus bhiodh e an dà chuid amaideach agus na chùis-nàire gun obrachadh as ùr gu dùrachdach anns an lios sin airson math na dùthcha gu lèir.
Tha mi gu math mothachail cuideachd gur e an òigridh, ge brìth ann an Dùn Èideann no ann an Dalabrog, a dh’fheumas an saoghal ùr seo a chruthachadh. Bha mi fhìn òg aig aon àm (creid no na creid), agus sgìth gu leòr de dhaoine sean ag innse dhomh gum bu chòir dhomh siud a smaoineachadh agus seo a dhèanamh.
Tha grunn dheugairean Gàidhlig anns an taigh agam fhìn agus tha mi gu math mothachail gu bheil na meadhanan ùra mar TikTok agus Snapchat agus Instagram nas freagarraiche dhaibh-san na bhith nan seasamh a’ bruidhinn mu sheann sgeulachdan aig ceann na fainge no aig cunntair a’ bhàr (far an do chosg mi gu leòr a cheannaicheadh trì taighean-òsda, mar a thuirt am bàrd eile).
Bidh an rud a tha didseatach an-diugh dùthchasach a-màireach.
Ach math agus gu bheil conaltraidhean air-loidhne (agus tha iad feumail agus eadar-nàiseanta), aon uair agus gun crìon cànan làitheil anns a’ choimhearsnachd a tha timcheall ort, tha an t-uamhas air chall.
Chan e mhàin blas, ach an rud prìseil sin – na dòighean a bhios daoine cleachdadh son iad fhèin a chuir an cèill gu nàdarra.
Na h‑abairtean agus na nòsan a thogas tu, cha mhòr gun fhiosd, nuair a tha daoine a’ bruidhinn cànan sam bith (chan e dìreach Gàidhlig) mud thimcheall.
Math agus gu bheil e Beurla no Fraingis no Gearmailtis, no ge brith dè ionnsachadh san sgoil, no air cùrsa, no air-loidhne, chan ionnan sin agus an togail ann an Dorset no anns an Dordogne no ann an Dusseldorf.
Tha am beartas-cainnt sin (cha mhòr dual‑chainnt, dh’fhaodadh tu ràdh) cho prìseil sa ghabhas, agus sin cho follaiseach do neach sam bith a leughas litreachas.
Cainnt ionadal sgìre Dhorset a’ lasadh suas na leabhraichean aig Tòmas Hardy; dual-chainnt Niseach a’ lasadh suas na sgrìobhaidhean iongantach aig Tormod Caimbeul; cainnt na Maoirne a’ lasadh suas na nobhailean àlainn aig Grassic Gibbon.
The Speak o’ the Mearns.
Tha cànan mar an cruinne-cè: chan eil toiseach no deireadh air ionnsachadh bhuaipe.
Gu mì-fhortanach, is e am fiosrachadh a th’ agam gu bheil na Gàidheil air a bheil mi eòlach anns na h-Eileanan Siar, sean is òg, a’ faireachdainn gu bheil na “leasachaidhean” ann an saoghal na Gàidhlig anns na deich bliadhna fichead a dh’fhalbh air a dhol seachad orra-san.
Nach buin an saoghal sin dhaibh – saoghal nam plànaichean agus nan ro-innleachdan agus nan aithisgean agus nan sgrùdaidhean agus nan rannsachaidhean agus nam molaidhean agus nan coinneamhan.
Gu bheil e coimheach agus Gallda dhaibh – rud ris nach robh iad cleachdte, ged a tha adhbharan mòra eachdraidheil airson sin, le ginealach às dèidh ginealach gun chumhachd agus gun ghuth, ach fo smachd nan uachdarain agus na bàillidhean agus luchd na Beurla.
Dè an teansa bh’ agad do thaobh-sa dhen argumaid a chuir, nuair bha a’ chànan anns am b’fheàrr a dh’innseadh tu e air fhaicinn mar rud salach, suarach?
Bha mi riamh dhen bharail gun robh dòighean eile ann daoine cumanta thoirt air bòrd: coinneachadh riutha aig ceann a’ gheata, no aig ceann an taighe.
Bruidhinn riutha (no èisteachd riutha) nan cànan fhèin.
A’ bhith a’ gabhail bhòt airson àiteachan air bùird‑stiùiridh nam buidhnean leasachaidh, leithid MG Alba agus Bòrd na Gàidhlig, seach a bhith air an taghadh le seirbhisich-sìobhalta agus luchd-poileataigs ann an Dùn Èideann.
Seòrsa de Magic Roundabout a th’ ann an-dr àsta.
Zebedee an siud agus Florence an seo. Bha mi riamh dèidheil air Zebedee.
An t-àm a dhol a chadal, chanadh e.
Ach cha thachair an cruth-atharrachadh a tha a dhìth oirnn mura bheil “an luchd-leasachaidh” a-muigh anns na coimhearsnachdan fhèin, air an giùlain agus air am misneachadh le sluagh na sgìre.
Tha fhios againn uile gu bheil dleasdanas laghail agus moralta air an Riaghaltas againn taic a thoirt dhan Ghàidhlig, ach tha fhios againn uile cuideachd gun dèan Riaghaltas sam bith na dh’fheumas iad (air èiginn) seach na dh’fhaodadh iad.
Sin carson a tha an deasbad a tha dol an-dràsta cudromach, oir ged a dh’iarramaid a h-uile rud, tha eachdraidh ag innse dhuinn nach fhaigh sinn e.
Gheibh sinn siud, ma nì sinn strì agus argumaid air a shon, agus chan fhaigh sinn seo, mura dèan sinn spairn agus iomairt.
Sin carson a tha e cudromach cò bhruidhneas air ar son agus as ar leth. Ceist bhunaiteach dheamocrataigeach a tha sin.
Tha i doirbh, oir gu ìre mhòr tha leasachadh na Gàidhlig a’ crochadh air airgead poblach.
Tha agus rathaidean, ach tha sinn fhathast an dùil gun cùm airgead poblach iad ann an deagh rian.
A dh’aindeoin gaisgealachd Chaluim air ‘Calum’s Road’ b’e an Riaghaltas agus a’ Chomhairle a bu chòir a bhith air sin a thogail.
An aon rud a thaobh togail rathad rèidh na Gàidhlig!
Faodaidh sinn uile ar dìcheall a dhèanamh le spaid is bara, ach is e digearan is rolairean mòra laghail an Riaghaltais a tha dhìth airson rathad susbainteach.
Chan e gleanns gun shusbaint (an e sin a’ Ghàidhlig airson ‘virtue-signalling’?) a gheibh an rathad sin dhuinn.
Ach aon uair is gu bheil an Riaghaltas an sàs, cleas maighstir sam bith, bidh iad – gun teagamh – an dùil gun dèan am buidheann a tha iad a’ pàigheadh an toil-san.
Tha fhios gur e sin pàirt dhen duilgheadas a tha, agus a bhios, daonnan mu choinneamh cuango mar am Bòrd?
Cò a tha am Bòrd no MG Alba, mar eisimpleir, a’ riochdachadh: Riaghaltas na h-Alba an Dùn Èideann no na coimhearsnachdan Gàidhlig?
Esan a phàigheas am pìobaire… Ged a tha mi airson seo a dhèanamh gu math soilleir: gu bheil mi cho moiteil sa ghabhas às gach neach a tha ag obair anns gach buidheann Gàidhlig (an nighean agam fhìn nam measg) a tha dealasach is dìcheallach a thaobh na cànain agus dhan chultar agus a tha air an t-uàmhas a dhèanamh dhuinn.
Gus an tèid urrasan ionadail, mar a tha Soillse a’ moladh, a stèidheachadh anns na coimhearsnachdan, ge-tà, saoilidh mi nach tig an t-adhartas a tha sinn uile a’ miannachadh.
Agus tuigidh sinn uile gun tig iomadh ceist eile an cois sin cuideachd. Cò mhaoinicheas iadsan, am bi an aon teadhair orra-san agus a tha air gach quango eile, cò bhios nam buill, agus cò sheasas agus dè an agenda a bhios aca?
Ma bhios na h-urrasan air an taghadh gu poblach, cò gheibh bhòt: dìreach daoine aig a bheil Gàidhlig?
Dìreach daoine a tha cleachdadh na Gàidhlig gach latha? Cò tha dol a thomhas sin?
A bheil app didsiteach ann gar clàradh, mar ann an saoghal Sheòrais Orwell?
Am bi bhòt aig a h-uile neach san sgìre, mar a bu chòir, fiù ’s nuair a tha 50% no 90% no 100% dhiubh gun Ghàidhlig agus coma mu deidhinn, no na h-aghaidh?
An e baile no sgìre no eilean?
Mar a thuirt am fear-sgrùdaidh eile, cò tha dol a’ sgrùdadh nan sgrùdairean? No cò tha dol a sgrùdadh nan sgrùdairean a bhios a’ sgrùdadh nan sgrùdairean?
Bha an dearbh dheasbad sin gu math fuilteach aig aon àm eadar Lenin agus Rosa Luxemburg anns an Ruis ag àm an Aramach ann an 1917.
Ise ag ràdha gu feumadh tu do làn-earbsa chuir anns an t-sluagh fhèin (fìu’s ged a bhristeadh iad do chridhe) agus esan ag ràdh nach b’urrainn dhut an rebholution fhàgail ann an làmhan nan daoine aineolach sin, agus gum feumadh tu ‘cadre’ (ceannardan mar e fhèin) son an rebholution a’ stiùireadh agus a thoirt air adhart.
Chaidh ise a mhurt agus ghlèidh esan an latha, agus bha a’ bhlath air a bhuil.
Ach mura creid sinn ann an deamocrasaidh ionadail agus anns na daoine fhèin, chan eil dòchas idir ann.
An dèan Riaghaltas na h-Alba strì an aghaidh seo, is iad cho dèidheil air cumhachd a thàladh a-steach dhan mheadhan co-dhiù, mar a tha gach poileasaidh aca thairis na 10 bliadhna mu dheireadh (Poileis na h-Alba, mar eisimpleir) a’ dearbhadh?
Tha ceistean nas fharsainge ann cuideachd: ceistean a tha mi air togail gach dàrnacha seachdain anns a’ cholbh seo.
Tha iad sin ceangailte ri fallaineachd eaconomaigeach nan sgìrean.
Mura bheil obraichean ann an Uibhist no anns na Hearadh no ann an Leòdhas no eile, ciamar idir a tha thu dol a chumail òigridh?
Agus ma tha obraichean ann (no air an cruthachadh) ciamar a nì sinn cinnteach gur e Gàidheil (sin a’ ciallachadh daoine a tha cleachdadh na cànain) a gheibh na h-obraichean sin?
Oir tha gu leòr de dh’obraichean air a bhith air an cruthachadh as ùr ann an iomadh sgìre thairis na fichead bliadhna chaidh seachad, agus gu tric is e an rud a thachras gun tig Gall air choireigin a-steach a dheànamh na h-obrach sin (gu tric a’ toirt gealladh gun ionnsaich iad a’ Ghàidhlig….).
Chan eil lagh, moralta no eile, an aghaidh a leithid: cha bhuin an saoghal do dhuine againn.
Chan eil e furasta, gun ghuth a ràdh air ceist thaigheadas, far nach fhaigh Gàidheil òga fearann no taigh anns am fuirich iad, eadar prìsean àrd agus margaid mhòr Airbnb.
Is dòcha gu bheil cothrom aig A’ Ghàidhealtachd agus aig Na h-Eileanan air toiseach‑tòisichidh ùr a dheanamh a thaobh nan gnothaichean sin ri linn a’ Choròna‑Bhìorais.
Nuair a dh’fhalbhas e (no ma dh’fhalbhas e) tha fhios nach till sinn gu mar a bha sinn – Gàidhealtachd a’ crochadh air aona-ghnìomhachas – turasachd.
Chan eil ann an crisis na Gàidhlig (mar a th’ aca air) ach pàirt de chrisis chalpachais o aon cheann den chruinne-cè chun cheann eile.
Tha fhios gu bheil cothrom an seo cur romhainn dè da-rìreabh a bhios riatanach dhan Ghàidhealtachd.
Cosnaidhean uaine maireannach seasmhach. Ath-sgaoileadh dhen fhearann.
Agus cho riatanach agus a tha e ar cànan a chur aig teas-mheadhan gach gnothach sin.
Tha an dol a mach aig an “t-Sianal Gàidhlig” fhèin (BBC Alba) le còrr is 70% Beurla air na prògraman aca (a bharrachd air fo-thiotalan Beurla) na fhianais gum faod thu ainm no bratach Gàidhlig a thoirt air rud sam bith, ach fhathast gur e rud Gallda th’ ann.
Bha mi a’ coimhead as ùr air na molaidhean riatanach agus dòchasach air làrach-lìn gaidhlig.tv an la roimhe: ’s truagh nach eil MG Alba, le sporan de £13 millean, ag èisteachd riutha.
Gu mi-fhortanach, chan eil mòran dòchas agam gun tachair adhartas mòr sam bith.
The sinn mar sgeir bheag ann an cuan mòr na Beurla.
Dè an t-ainm a th’ort? Is mise Ròn.
Tha eagal orm gum falbh an Covid agus tillidh na motor-homes agus Airbnb agus thig an sgìre air ais gu default.
Ciamar a tha thu? Och, not too bad. Yourself? Seagh.
Oir chan urrainn dhuinn cor na Gàidhlig gu lèir fhàgail aig lagh no aig Achd no aig bòrd no aig buidheann no aig aithisg no aig rannsachadh eile.
Tha am Bòrd air a ràdh gu bheil an siostam a th’ ann ag obrachadh.
Bu chòir dhuinn a bhith draghail gu bheil iad air sin a ràdh gu poblach.
Tha mi faicinn gu bheil am Ball-Pàrlamaid Tòraidheach Dòmhnall Camshron a-nise ag iarraidh ‘Summit’ (seach Semmit?) air a’ Ghàidhealtachd, agus mo bheannachd air airson sin a ghairm.
Is math bruidhinn, agus chì sinn dè a thig às an sin, a bharrachd air a bhith ag ithe tuilleadh bhriosgaidean.
A dh’aindeoin cho duilich agus a tha an suidheachadh againn uile (chan eil an suidheachadh agamsa sìon nas fhasa – no nas duilghe – na duine sam bith eile) tha fhathast taghadh againn gach latha dè ni sin agus ciamar a nì sinn e.
Am bruidhinn mi Gàidhlig leis a’ phàiste seo?
An can mi facal Gàidhlig leis a’ chaillich seo ged a tha làn fhios agam nach eil facal Gàidhlig aice?
Ach tha coltas blàth oirre. Feuchaidh mi.
Halò. Ciamar a tha sibh? Agus rinn i gàire.
An sgrìobh mi an dàn seo, no an colbh seo, no an aithisg seo, no an leabhar seo, no an rannsachadh seo, ann an Gàidhlig (ged nach leugh na h-uimhir e) no ann am Beurla?
Tha iomadh dòigh ann gus cànain eadar ginealaich (intergenerational language transmission) a bhrosnachadh, eadar cèilidhean is còmhraidhean, bho litreachas gu làthaireachd.
Tha e a’ tòiseachadh leinn fhèin.
Chuir a’ bhantrach bhochd, le a dà leth-fheòirling, barrachd dhan tabhartas na na daoine mòra beartach.
Tha daonnan roghainn (de sheòrsa air choireigin) ann. Mar a sgriòbh Somhairle MacGill-Eain mun taghadh mhòr a bh’aige fhèin na latha:
“Ach nan robh ’n roghainn rithist dhomh
’s mi ’m sheasamh air an àird,
leumainn à neamh no iutharna
le spiorad ’s cridhe slàn.’