“Air màl baile no dhà glac am peana ‘s cuir làmh ri bann”

Colston ann am Bristol

Le Aonghas Phadraig Caimbeul

“Air màl baile no dhà glac am peana ‘s cuir làmh ri bann” (An Clàrsair Dall)

Le mar a tha cùisean a’ dol chan eil duine againn sàbhailte. Oir cò, ann an eachdraidh no ann am beatha, a tha gun lot, gun choire?

Tha mi cinnteach nach robh mòran againn a’ malairt gu dìreach ann an tràilleachd, mar a bha Colston ann am Bristol, agus a chaidh a thilgeil far na spiris an latha roimhe as dèidh bhith sin son 200 bliadhna, ach buinidh sinn uile do chinnidhean agus do threubhan agus do dhùthaich agus do theaglaichean a bha an sàs ann an iomadh rud a bha uamhasach nan dòigh fhèin.

Agus sin uile mus tòisich sinn air na mearachdan no na h-uireasbhaidhean – no na peacaidhean – againn fhìn!

Tòisichidh mi far am bu chòir dhomh tòiseachadh – le na Caimbeulaich. Ged nach biodh ann ach Murt Ghlinne Comhann fhèin bhiodh sinn air ar dìteadh. Eil sin a’ ciallachadh gum bu chòir an t-ainm a’ sguabadh às, oir tha e seasamh airson fòirneirt is brùidealas (agus chan ann a-mhain an Gleanna Comhann)?

Eil sin a’ ciallachadh gum bu chòir dhomh m’fhine atharrachadh – can gu ainm mo mhàthair, a bha na Dòmhnallach?

Ach – mo chreach-sa thàinig agus hò-rì-hò-rò mo nìghneag – cha robh àsan mòran na b’ fheàrr. Ged nach biodh ann ach Blàr Inbhir Lòchaidh fhèin agus, ma chreideas sinn am bàrd Iain Lom a bha air a’ chnoc latha bhlàir (agus sinn a dh’fhaodas a chreidsinn), nach e na Dòmhnallaich a bha air an dòigh coimhead air cinn nan Caimbeulaich a’ ròiligeadh sìos nan cnoc, Geneva Convention (nach robh ann) ann no às!

Seo Iain Lom fhèin:

“Sgeul a b’aite ’n uair a thigeadh

Air Caimbeulaich nam beul sligneach:
H-uile dream dhiubh mar a thigeadh

Le bualadh lann ’n ceann ’gam bristeadh…

’N uair chruinnich mór dhragh na falachd,

’N am rùsgadh nan greidlean tana,

Bha iongnan Dhuibhneach ri talamh

An dèidh an lùithean a ghearradh…

Sgrios oirbh mar truagh leam bhur càramh,

’G èisdeachd anshocair bhur pàisdean,

Caoidh a’ phannail bh’anns an àraich,

Donnalaich bhan Earra-Ghàidheal.”

Saoilidh mi nach faigheadh Iain Lom barantas anns an latha th’ ann bho Alba Chruthachail, iongantach agus gu bheil a bhàrdachd aige!

A-rèir na chì mise, cha robh na cinnidhean Gàidhealach eile mòran nas tròcairiche. Leòdaich an Eilein Sgitheanaich a mùrt còrr air 400 dhe na Dòmhallaich anns an uamh an Eige.

Clann Chatain a’ marbhadh nan Camshronaich, Clann Ghriogair ruaig nan reubaltaich feadh an àite… chan eil clann no cinneadh gun fhuil air an sàilean, mura bheil air an claidheamhan agus air an làmhan.

An uairsin tha Ìmpireachd mhòr Bhreatann againn: nach bu chòir gach duais (MBEs CBEs agus mar sin air adhart) a fhuair daoine àbhaisteach airson frithealadh choimhearsnachdan a bhith air an tilleadh air ais o chionns gu bheil Impearachd Bhreatainn cho ciontach sa ghabhas?

Agus dè mu dheidhinn Caisteal Mhòr Leòdhais agus Bodach am Opium fhein?

Am bu chòir dhuinn Na Pioramaidean a leigeal chionns gun deach an togail le tràillean? An Taigh Geal?

No an dèan fiosrachadh mu na thachair air clàr a’ chùis?

Chan eil mi dèanamh di-meas air eachdraidh no air na burraidhean agus na droch dhaoine a bha an sàs ann an tràilleachd is eile, ach aon uair agus gun tòisich thu a’ meas tachartasan eachdraidheil o shealladh an latha an-diugh càite an stad thu?

Nach bu chòir dhuinn cuir às dhan ainm An Geartasan – agus do Fort Augustus – agus iad air an ainmeachadh às dèidh Am Prìonnsa Uilleam Augustus, Diùc Chumberland – Am Bùidsear Cumberland mar a bh’ ac’ air – a rinn an sgrios aig Cùil Lodair?

Nach math gu bheil Cille Chuimein againn fhathast sa Ghàidhlig – a tha sàbhailte fhathast co-dhiù, gus an tig cuideigin an àirde le gnothach air choiregin a rinn Cuimean còir? (Agus na ceangail e ris a’ bhleigeard sin eile, Dominic Cummings, no cha bhith ainm idir air fhagail againn!).

An Diùc Chataibh, Pic, geograph

Tha mi creidsinn gu e an ìomhaigh ud air Diùc eile – Diùc Chataibh as motha a tha air connspaid a thogail air A’ Ghàidhealtachd thar nam bliadhnaichean.

Esan a bha os cionn fuadaichean bhrùideil na sgìre (còmhla ri Pàdraig Sellar is Loch), agus ìomhaigh fhathast an sin air mullach Beinn a’ Bhragaidh.

Tha fhios gu bheil e an urra ri muinntir na sgìre a bheil iad ga iarraidh fhathast an sin mar (dhroch) chuimhne air na thachair, no a sguabadh às agus ìomhaigh dhe na daoine bochda chuir na àite (ma dh’fheumar ìomhaigh idir).

Cuspair toinnte ioma-thaobhach a tha seo, oir chan an-diugh no an-dè a thòisich eachdraidh a bhith air a h-innse le na daoine a bhuannaich.

Oir bha airgead is foghlam is cumhachd is luchd-ciùird is luchd-ealain aca son na h-eachdraidhean sin a sgrìobhadh agus a thaisbeanadh, fhad’s nach robh aig na daoine cumanta gu beagnaidh ach am beul-aithris, an cuimhne, an òrain agus an dàin.

Chanadh cuid gun robh sin gu leòr, oir sheas am breitheanas a thug An Clàrsair Dall, mar eisimpleir, air Ceann-Feadhna òg ùr MhicLeòid:

Thig e mach às a’ bhùth
leis an fhasan as ùr bhon Fhraing,
‘s an t-aodach gasda bha ‘n dè
ma phearsa le spèis nach gann
thèid a shadadh an cùil –
“Is dona ‘m fasan, chan fhiù e plang.
Air màl baile no dhà
glac am peana ‘s cuir làmh ri bann.”

Ach tha sin ann an Gàidhlig, agus mar a tha fios againn uile, tha a’ Bheurla air làmh an uachdair a ghabhail agus càite seas na briathrean sin ( a thuigeas nas lugha na 1% de shluagh na h-Alba) fhad’s a tha ìomhaighean cumhachdach eile (agus cànain eile) nas pailte agus nas làidire.

Ach ge brith dè an cànan, saoilidh mi gu bheil cothrom againn uile coimhead gu geur agus gu faiceallach as ùr air ar n-eachdraidh, agus colamadh a dhèanadh eadar aideachadh agus ùrachadh.

Tha cuid de rudan, agus cuid de dh’ìomhaighean, a bu chòir a bhith air an cur air falbh agus cuid eile bu chòir a bhith air an cumail mar shamhla agus mar chuimhneachain.

Tha mi cinnteach gu e Auchwitz fhèin am prìomh eisimpleir: chan eil duine sam bith a thig ann nach eil air an uamhasach le na togalaichean fhathast nan seasamh an sin agus an suaicheantas Arbeit macht frei na theisteanas maireannach air an olc a thachair.

Is e an cunnart gun sguab sinn às aon sheòrsa de dh’eachdraidh (colonialach) agus gun cruthaich sinn eachdraidh eile a tha air fhiaradh a cheart cho cinnteach ma àite.

Fàgaidh mi am facal mu dheireadh aig sgrìobhaiche (dubh) à Aimearagaidh – te Sohpia Nelson – a thuirt o chionn trì bliadhna: “I don’t fear 150-year-old statues of old dead white men. What I fear is the hatred we are seeing in real time in 2017 on social media, on our college campuses, in our workplaces and in our political rhetoric.’

Ged a tha ise (agus mise) a’ tuigsinn glè mhath gu bheil na ìomhaighean-cloiche no umha a’ misneachadh dòigh-smaoineachadh cuideachd.

Tha e daonnan nad fhasa na peacaidhean aig daoine eile (mar Eideard Colston agus Diùc Chataibh) a chomharrachadh agus na lotan aig ginealachan agus aig amannan eile a chàineadh gu dubh.

Ach nì sinn adhartas da-rìreamh nuair a chomharraicheas sinn na fabhtan againn fhèin agus na gnìomhan làitheil a tha cheart cho cèarr an-diugh agus a bha iad anns an Naoithemh Linn Deug, agus a bhios a cheart cho ceàrr a-maireach.

Aig a’ cheann thall, faodaidh sinn mìle ìomhaigh a thilgeul bun os cionn, gun ar cridhe no ar dòighean no ar poileasaidhean atharrachadh.