Na meanbh-chuileagan agus na carbadan-mòra

Aonghas Phadraig Caimbeul


Abair sìde! Agus abair saoghal! Nach àlainn an Cèitean a tha air a bhith againn – làithean fada grianach agus gun aon mheanbh-chuileag san àite.

Ged a tha iad air tighinn a-nise agus an t-Ògmhios oirnn!

Gu fortanach, tha mo bhean math air fuaghal agus rinn i lìonan sònraichte son nan uinneagan, agus is e bha math bhith san leabaidh an-raoir le uinneag-fhosgailte, faighinn beagan aedhear agus a’ faicinn nam biastan a’ stri air an taobh a-muigh!

Meanbh-chuileagan

Agus air sgàth an Lockdown tha sinn cuideachd air a bhith clìoras luchd-turais agus na carbadan mòra grànda aca – na motor-homes a tha nam plàigh cho mòr le na meanbh-chuileagan fhèin!

Saoil am b’urrainn dhuin lìon a chuir eadar A’ Ghàidhealtachd agus an saoghal mòr?

Tha fhios agamsa, mar a tha fhios againn uile, gu bheil turastachd cudromach dhan Ghàidhealtachd agus dha na h-Eileanan, ach aig an aon àm chan eil aon teagamh agam nach eil an gnìomhachas air fàs fada ro mhòr agus air a dhol a-mach a rian anns na beagan bhliadhnachan a chaidh seachad.

Oir is e aon rud a th’ann an daoine tighinn gu leabaidh-is-braiceast agus gu taighean-òsta, ach is e rud eadar-dhealaichte a tha sinn air fhaicinn anns na bliadhnachan mu dheireadh le na mìltean mòra – na ceudan mhìltean – de charbadan is de dhaoine sruthadh suas an A82 agus an A9 suas dhan Ghàidhealtachd.

Fòghnaigh na dh’fhòghnais dhen chron a tha iad a’ deanamh air an àrainneachd, ged nach biodh ann ach sin fhèin.

Oir gheibh thu fada cus do rud sam bith.

Tha diofar eadar dram no fiù’s a dhà no thrì agus dusan neo botal mòr a shlugadh sios, mar as aithne dhomh.

Tha spàinn shiùcair anns an teatha no anns a’ chofaidh ceart gu leòr, ach tha thu ann an cunnart a thaobh do shlàinte ma bhios tu taomadh còig no sia a spàinnean a-steach dhan a h-uile cupa.

Caithidh bò ri bleòghann, agus each ri treabhadh, mar a tha an seanfhacal ga chur.

Chan eil duine againn ag iarraidh casg buileach glan a chur air rudan, ach mura bheil rian is ciall ann, feumaidh sinn smachd air choireigin a chumail air cùisean.

Sin carson a tha casg-astair air na rathaidean mòra, ged a tha gloicean gu leòr timcheall fhathast a tha coma mun chunnart a tha iad ag adhbhracadh ri bhith dràibheadh ro luath.

Ma tha soighne ag ràdh 30mph carson fhathast a tha daoine dol tron bhaile sa bheil mi fuireach aig 40 agus a bharrachd?

O chionns gur ann mar sin a tha sin.

Tha cuimhn’am air fear à Glaschu a bha ag obair do sgioba telebhisean a bhith ag innse dhomh gun robh iad a’ filmeadh anns A’ Ghearmailt agus a’ fuireach ann an taigh-òsta beag Leabaidh is Braiceast a bha air taobh loidhne-rèile a bha aig bonn a ghàrraidh.

Agus seo an rud: cha robh balla no feansa-dìon eadar an garradh agus an loidhne-rèile, agus nuair thuirt e ris an tè a bha ruith an taigh-aoigheachd gun robh sin cunnartach sheall i soighne dha aig bonn a’ ghàrraidh a bha ag radh ‘Verboten!’

‘Nach biodh sin an Alba,’ thuirt e rium, ‘le soighne ag ràdh Forbidden neo No Entry, is e a’ chiad rud a dhèanamh duine dhol a-staigh ann a dh’fhaicinn de thachradh!’

Chan e dìreach Dominic Cummings a-mhàin a dh’adbhraich gu bheil daoine mar a tha iad le stìureadh no le riaghailtean!

Dè cho doirbh agus a tha e do dhaoine fios a bhith aca de th’ann an 2 mheatar?

Chan e dà òirleach no dà throigh tha sin ach dà mheatar. Ach a dh’aindeoin soighnichean air feadh an àite ag innse do dhaoine cumail dà mheatar air falbh o càch a chèile, fhathast tha gu leòr a sguabas seachad ort mar nach robh faclan no comhairle a’ ciallachadh hee-haw.

Agus ‘One-Way’! Dè cho doirbh agus a tha e soighne mòr gorm fhaicinn a tha ag radh ‘One Way’ agus soighne mòr dearg eile ag ràdh ‘No Entry’, ach a dh’aindeoin sin thig daoine an taobh a thogras iad, mar an Cuimeanach fhèin, oir tha na riaghailtean airson daoine eile, a reir choltais.

 Thuirt caraid rium an latha roimhe gun do sheas am fear a bha seo cho faisg air anns a’ Cho-op agus nuair a thug mo charaid rabhadh beag modhail dha, is ann a thionndaidh e air agus thuirt e ris, ‘Ma tha thusa creidsinn an sgudal sin mu dheidhinn dà mheatar tha thu cheart cho craicte le na politicians fhèin.’

Tha mi creidsinn gur e an fhìrinn gu bheil sinn uile ro bhuailteach a bhith ag iarraidh ar dòigh fhèin.

Agus tha cultar nam meadhanan-sòisealta air teagasg dhuinn ar miannan fhèin fhaighinn nuair a thogras sinn.

Ma tha sinn airson ‘The Sound of Music’ (neo nas miosa) fhaicinn aig trì uairean sa mhadainn chan eil againn ach putan a bhruthadh san leabaidh agus siud Julie a’ seinn mu na beanntannan beò le fuaim a’ chiùil.

Ma-thà, tha mi ’n dùil.

Ma tha sinn ag iarraidh aran no ìm no càise no càr no taigh a cheannach ann am meadhan na h-oidhche thèid againn air sin a dhèanamh.

Click and buy. Click and collect.

Tha na naidheachdan a’ taomadh oirnn gun sguir fad an latha agus fad na h-oidhche (24 hour news cycle) agus tha sinn air ionnsachadh nach eil tìm no àite no latha no oidhche an comas stad a chuir oirnn an rud a tha sinne ag iarraidh fhaicinn no fhaighinn anns a’ mhionaid uaireach.

Chan eil gun adhbhar a tha Amazon a’ dèanamh an dearg fhortan aig an dearbh mhionaid seo.

Gu mi-fhortanach, tha gluasad phoiltigeach ann am Breatann – air a shamhlachadh le Brexit – a tha air gabhail ris an dol a-mach seo chan ann le osnadh ach le toileachas.

Tha na daoine sin – a th’ann an àrd chumhachd an dràsta – ag iarraidh gun tìg a h-uile rud ann am Breatann a shìneadh a-null dhan roinn phrìobhaiteach, cleas Aimearagaidh.

Chan eil latha dol seachad nach eil sgainneal as ùr a’ nochdadh mar a tha na caraidean aig Cummings a’ faighinn cùmhnant as dèidh cùmhnant airson seirbhisean-dhrugaichean is seribhisean-ditsiteach a’ ruith son an Riaghaltas.

Na mìltean mòra de dh’airgead-poblach air a shìneadh a-null chun nan daoine sin gun dragh sam bith.

Bu chòir na gnothaichean sin a bhith fo smachd a’ phobaill. Oir gun smachd, nì daoine – agus gu cinnteach nì companaidhean – na thogras iad.

Tha Brexit gu ìre mhath mu dheidhinn seo uile: ‘saorsa’ a thoirt do chompanaidhean na thogras iad a dhèanamh, clìoras laghan a thaobh slàinte agus sàbhailteachd agus ìrean.

Fhad’s a nì companaidhean fortan a’ reic ‘chlorinated chickens’ (agus fhad’s a cheannnaicheas daoine iad) dè an diofar gum biodh e cheart cho math am puinnsean fhèin ithe?

Gun smachd chan eil a’ cunntais ach prothaid.

Sin carson a dh’fheumas gnìomhachas an turastachd riaghailtean is smachd cuideachd.

Tha AirBnB air a bhith na chùis-nàire am iomadh àite, agus mar thoradh air an fhàs sin tha e air a bhith cho doirbh sa ghabhas do Ghàidheil òga gu sònraichte taigh fhaighinn air màl (gun ghuth air a cheannach) air A’ Ghàidhealtachd.

Ri linn a Chorona-Bhìorais tha an gniomhachas sin air stad son ùine an-drasta, agus coltach ri sgainneal nan taighean-cùraim, feumar stèidh ùr a chuir air turastachd cuideachd aon uair agus gun tòisich daoine gluasad timcheall a rithist.

Oir nì iad sin, nam mìltean mòra.

Nach biodh e math fàilte chuir orra, ach àireamh a chuir air na dh’fhaodas tighinn aig aon àm?

Mar an lìon air an uinneig, a tha cumail nam meanbh-chulaigean a’ mireadh mar a thogras taobh eile an lìn.