Le Aonghas Phadraig Caimbeul
Chan aithne dhomh na sgrìobhaidhean ag Niall Gaiman, ach feumaidh gu bheil e reic tòrr leabhraichean ma tha airgead gu leòr aige taigh làithean-saora a cheannach anns an Eilean Sgitheanach. Oir, mar a tha fhios againn uile, cha cheannaich an t-òr taigh-circe anns an eilean na làithean seo.
Air eagal ’s gu bheil neach sam bith a tha leughadh seo agus air a bhith taobh thall na gealaich gun fhios dè thachair seo e, gu sìmplidh: gun do shiubhail an sgrìobhaiche seo, gu litereil, 11,000 mìle tarsainn an t-saoghail, bho Sealan Nuadh far a bheil e fuireach, dhan Eilean Sgitheanach far a bheil taigh làithean-saora aige ged a tha an saoghal air a ghlasadh ri linn an ‘Lockdown.’
Càite an tòisich mi ri feuchainn seo a thuigsinn, oir tha a dh’uimhir a rudan ceangailte ri chèile?
Anns a’ chiad àite, tha an duine fhèin, agus a-rèir choltais bha e air a dhol a-mach air a’ bhean aige (Amanda Palmer) ann an Sealan Nuadh agus bha iad air aontachadh ‘space’ a thoirt do chàch-a-chèile.
Well, nach eil space gu leòr ann an New Zealand? An turas mu dheireadh a choimhead mise, bha 268, 201 cilemeatair ceàrnagach ann an NZ – nas motha na Breatann gu lèir, le dìreach 4 millean neach a fuireach ann (nas lugha na tha an Alba).
Mar sin, cha mhòr gu bheil àite anns an t-saoghal le uimhir de space agus a tha Sealan Nuadh!
Ach tha fhios gun tuig sinn uile, nach eil an cruinne-cè fhèin farsaing gu leòr son faighinn air falbh o chuideigin air a bheik thu air a dhol a mach!
Agus le sin, dè rinn mo laochain ach leum air itealan agus siubhal tarsainn an t-saoghail, agus an uairsin suas an seo dhan Eilean Sgitheanach ann an càr dhan dàrna dachaigh aige.
Nach buidshe dha, a leithid a bhith aige. Nam biodh e air cumail sàmhach mun ghnothach cha bhiodh othail mu dheidhinn, ach dè rinn mo laochain an uairsin ach ‘blog’ a sgrìobhadh gun robh e an seo a’ gabhail fasgadh on bhìorais.
Tha e air a ràdh gu bheil e duilich agus gur e rud gu math gòrach a rinn e, agus gabhaidh sinn uile leisgeul, oir cò nach do rinn rudan nas miosa agus a cheart cho gòrach nam beatha? Rinn mise co-dhiù.
Ach tha rud no dhà eile ag èirigh as an seo a bu mhath leam meomhrachadh air.
Anns a’ chiad àite, an dealbh a tha rud mar seo a’ toirt dhan t-saoghal mhòr gu bheil sgrìobhadairean loit le airgead.
Tha cuid dhiubh, ach am fiosrachadh mu dheireadh a chunna mise o Aonadh nan Ùghdairean, ’s e gu bheil sgrìobhaichean a’ cosnadh, sa chumantas, mu £10,000 sa bhliadhna.
Tha sgrìobhaiche ainmeil no dhà ann, leithid Gaiman is J. K. Rowling, ach mar a tha an £10,000 ag innse dhuinn, tha a’ mhòr-chuid de sgrìobhaichean (is de cheòladairean is luchd-ealain gu lèir) beò air glè bheag: gu dearbha fo ìre an tuarastal as ìsle.
Ann an dòigh, tha sin ceart gu leòr, oir chan ann airson airgead a tha luchd-ealain sam bith ag obair – ged a dh’fheumas sinn uile biadh a chuir air a’ bhòrd agus sinn fhìn agus ar teaghlaichean a chumail beò!
Tha seo uile mu dheidhinn luach – dè an luach a tha an dùthaich (no a’ choimhearsnachd) a cur ann an ealain?
Dè as d’fhiach e?
Pàighidh sinn airson aran agus bainne agus ìm agus càise agus tì agus cofaidh agus taigh agus leabaidh agus mar sin air adhart, oir tha sinn a’ meas nas rudan sin riatanach, ach tha rudan eile a th’ann a tha air an tomhas mar rudan as urrainn dhuinn a bhith beò as aonais.
Mar dealbhan is leabhraichean is ceòl, mar eisimpleir.
Ach an urrainn? Smaoinich fhèin air beatha gun leabhar. Air beatha gun cheòl. Air beatha gun dealbhan.
Nach eil an Coròna-bhìorais fhèin a’ togail fianais gur e na dearbh rudan sin a tha gar cumail a’ dol an-dràsta, a’ biadhadh an spioraid?
Mar a thuirt Crìosda fhèin – ‘”Chan ann le aran a-mhàin a bheathaichear duine…”
Chan e ‘optional extras’ a th’ annta.
Mas e sin an fhìrinn, tha e tighinn air ais gu mar a tha sinn a’ tomhas luach. Oir chan eil a h-uile ceòladair no snaigheadair no dealbhadair no sgrìobhadair (gu h-àraid Gàidhlig) a’ dol a’ reic gu leòr – mar sin feumaidh iad taic.
Dìreach mar a tha EasyJet agus Greggs agus Na Bancaichean agus Na Sgoiltean agus na h-Oilthighean agus gach gnìomhachas eile san t-saoghal a’ faighinn taic poblach an-dràsta.
Mar a tha an cartùn seo ga chuir gu grinn:
Ach tha gnothach cudromach eile ceangailte ris an ùpraid timcheall Niall Gaiman, agus sin sgainneal thaigheadais anns an Eilean Sgitheanach (agus air feadh na dùthcha gu lèir).
Oir gu sònraichte le mar a tha prisean air àrdachadh anns na bliadhnachan a chaidh seachad, cha mhòr nach eil e do-sheachanta do dhuine sam bith a bhuineas dhan àite taigh a cheannach no fhaighinn air màl aig prìs reusanta nan dùthaich fhèin.
Tha sianar chloinne agamsa, agus le gach uile rùn cha b’urrainn aon dhiubh (no gu dearbh am pàrantan) taigh a cheannach na làithean seo ann an Eilean Sgitheanach, ged a rugadh agus thogadhiad uile air an eilean.
Mar a thuirt an Lighiche MacLachlainn o chionn linntean:
“Och, och, mar tha mi
’S mi nam aonar,
A’ dol troimh ’n choill
Far an robh mi eòlach;
Nach fhaigh mi àit
Ann am fhearann dùthchais,
Ged phàighinn crùn
Airson leud mo bhròige.”
Tha e na chùis-nàire, agus dìreach mar a dh’fheumas dèiligeadh gu ceart ri ar seann daoine as dèidh creach a’ Choròna, feumar cuideachd dèiligeadh ri creach ar n-òigridh, agus na daoine a bhuineas dhan àite, ri linn taigheadas air A’ Ghaidhealtachd.