Le Aonghas Phadraig Caimbeul
Bha mi duilich cluinntinn gun do dh’eug an duine gaisgeil sin, Ailean MacColla à Mùideirt is Àth Tharrachail is Loch Abair o chionn ghoirid, agus an lùib gach uamhas eile a tha tachairt na làithean seo, chan robh mi airson gun diochuimhnicheamaid an duine no gu dearbha an obair iongantach a rinn Ailean còir airson cànan is dualchas nan Gàidheal.
Duine gasta bh’ann an Ailean – agus gu dearbh a bhràthair Teàrlach nach maireann cuideachd – agus tha e doirbh smaoineachadh air sgìre Loch Abair as aonais na seòid sin. Cha robh turas a choinnichinn ri Teàrlach no Ailean nach robh e na thlachd agus na thoileachas, agus gu dearbha cha robh turas nach robh e na fhoghlaim cuideachd.
A bharrachd air an coibhneas phearsanta, bha e daonnan na thoileachas dhomh am blas Gàidhlig aca a chluinntinn – blas a bhuineadh dhan sgìre dhùthchasach aca fhèin, Mùideart.
Thogadh Ailean anns an Diorlinn an Ath Tharrachail, far an robh athair (Ailean a bh’aire-san cuideachd) na gheamair aig an àm air an oighreachd. Bàrd a bh’ ann-san cuideachd bho shliochd ainmeil Chlann’ic Colla, a bha cuideachd nan deagh phìobairean.
Bha còignear bhalaich san teaghlach – Dòmhnall is Iain is Teàrlach is Ailean is Eòghainn – a chaidh a thogail air an cuartachadh le òrain agus le ceòl nan Gàidheal. Nuair dh’fhàg Aiean an sgoil chaidh e gu muir, mar a chaidh iomadach balach òg Gàidhealach eile, agus bha e an uairsin ag obair treis a’ coillteireachd.
Chaidh e gu Colaiste Gnìomhachais ann an Durham às dèidh sin – far an do thog e sgilean a chleachd e nuair a ghabh e sealbh air Bùth a’ Bhaile ann an Àth Tharrachail.
Bha Teàrlach còmhla ris san obair sin, agus tha cuimhn’ aig cuid fhathast air a’ bhan aca – ‘Sheil Valley Services Mobile Shop’ – a bhiodh a’ dol timcheall sgìre Àird nam Murchain le iomadh rud riatanach, agus tha fhios (ma bha iad idir coltach ri na bhanaichean a bhiodh againne an Uibhist) suiteis no dhà agus comaigs cuideachd!
Às dèidh sin, fhuair Ailean is Teàrlach làraidh-guail dhaibh pèin, son blàths a bharrachd air sgonaichean is suiteis a chumail ri muinntir na sgìre.
Tha mi tuigsinn cuideachd gun robh Ailean dèidheil air ball-coise (plus eile dha!) agus gu dearbha gur e a stèidhich an sgioba aca Sheil United a ghlèidh Cupa Sgìre Mhalaig nan latha!
Is toigh leam sin, oir bha mi fhìn aig an dearbh àm a’ cluich do sgioba eile aig an robh cha mhòr an aon ainm – Seil United – shìos air Eilean Shaoil. Chan eil mi smaointinn gun do bhuinig sinne riamh cupa, ged a bhiodh sinn a’ dèanamh an gnothach air an ‘rivals’ mòra againn – Eilean Luinn! – an-dràsta sa-rithist.
Fiù’s ged a bha sàr-chluicheadairean mar ‘Curly’ is ‘Pedan’ is eile aca!
Nuair a dh’eug am pàrantan, ghluais Ailean agus Teàrlach an gnìomhachas aca dhan Ghearastan, agus phòs Ailean an sin ann an 1975 – boireannach gasta (agus deagh dhannsair Ghàidhealach) Màiri agus thog iad triùir de theaghlach anns A’ Chorpaich – Ailean òg, Iain agus Kirsteen.
Bha Ailean òg gu sònraichte na shàr-phìobaire a gleidheadh iomadh duais nuair a bha òg, mus deach e steach gu sgoilearachd agus an uairsin dhan mhinistearalachd.
Sgriobh agus dh’fhoillsich e sàr leabhar ‘Land, Faith and the Crofting Community’ a tha dìreach iongantach, agus mura do leugh sibh e is math is d’fhiach a cheannach no fhaighinn agus sion a dhèanamh.
Ach b’ann tron phìobaireachd a fhuair mise eòlas air Ailean fhèin, oir bhiodh e ruith Cruinneachadh Loch Abair anns A’ Ghearastan anns na bliadhnachan a chaidh seachad.
Cruinneachadh ainmeil eachdraidheil a bha sin a bha air a dhol à bith suas mu na 1990s ach a dh’ùraich Ailean, agus daoine calma eile. Sin far am bithinn a’ coinneachadh ris gach bliadhna ann an companas a nighean, Kirsteen, a thug cuideachadh cho mòr dha a thaobh bhith ruith na cuirm – gun ghuth a ràdh air na gaisgich agus na bana-ghasich eile, leithid Mòrag Melville ( à Barraigh) a tha daonnan air a bhith cho coibhneil agus cuideachail.
Tha fhios, aon uair agus gu bheil an Coròna grod seo seachad gum bidh sàr-urram air a shealltainn do dh’Ailean le duaisean pìobaireachd air an toirt seachad na ainm.
Bha e math air seinn is air isne sgeulachdan cuideachd, agus airson grunn bhliadhnaichean bha e ruith gnothaichean A’ Chomhdhail Cheilteach an Alba, agus tha fhios’am – mar a thuirt Somhairle MacGill-Eain mu dheidhinn a bhràthair fhèin Calum, gum bidh ionndrainn mhòr air an dà thaobh de Shruth na Maoile:
Tha sgeul ort an Cois-Fhairge
Ann an Eirinn thall:
Eadar an Ceathramh Ruadh is Spideal
Dh’fhàg thu iomadh snaimn.
Bha thu aig Gaidheil Eirinn
Mar fhear dhiubh fhèin de’n dream.
Dh’aithnich iad annad-sa an fhèile
Nach do reub an cuan,
Nach do mhìll mìle bliadhna:
Buaidh a’ Ghàidheil buan.
Mo thaing do dh’Ailean son gach toileachas is taic a thug e dhuinn, agus tha ar n-ùrnaighean leis an teaghlach – a bhantrach, Màiri, agus a’ chlann Ailean is Iain is Kirsteen.