Le Aonghas Phadraig Caimbeul
B’ann air an t-seachdain seo ann an 1993 a chaidh an rud iongantach air an toir sinn ‘Lìon an t-Saoghail Mhòir’ (an world wide web, no an www mar as aithne dhuinn e) a’ stèidheachadh gu foirmeil agus gu laghail an toiseach, agus tha mi cinnteach gum faod sinn uile bhith taingeil air a shon ann an iomadh dòigh – agus is dòcha gu h-àraidh ri linn an àma seo, lìnn a’ Choròna-Bhìorais.
Tha an lìon air ar ceangal còmhla ann an dòighean a chuireadh ioghnadh mòr air ginealach m’athair is mo mhàthair, gun ghuth air linn ar sinnsearan.
Smaoinich fhèin air dè chanadh iad nan canadh tu riutha gun robh comas aig daoine nise fiosrachadh is teachdairean is dealbhan a chuir sa mhìonaid uaireach gu taobh thall an t-saoghail.
Tha fhios gun innseadh iad sgeul no dhà mu na seann làithean nuair bheireadh e ùine telegram a chuir, no nuair bheireadh e ùine fònadh tron ‘operater’, no nuair bheireadh e ùine do litir ‘air-mail’ siubhal o aon chèarnaidh dhen t-saoghal chun a’ chèarnaidh eile.
Agus sin mus rachadh sinn beagan air ais, can gu àm na Naoitheamh Linn Deug nuair a dh’fhalbh na mìltean de Ghaidheil air soithichean a Chanada is eile agus fhios acasan agus an fheadhainn a bha iad a’ fàgail am Barraigh no an Uibhist no an Leòdhas no am Mùideart is eile nach fhaiceadh iad càch-a-chèile air an talamh seo tuilleadh.
O, na bheireadh iad seachad airson Skype is Facetime is Facebook is Zoom is eile…
Tha fhios againn uile gu bheil taobh eile air a cheist-conaltraidh seo cuideachd, oir le mar a tha an saoghal mòr a-nise air ar meuran, tha an cunnart ann gun diochuimhnich sinn cuideachd coimhead a-mach an uinneig bhig againn fhèin, no dhol a-mach an doras againn fhèin (fiù’s nuair a tha cead againn!) no dhol sìos am baile againn fhèin.
Gu ìre, tha an www air na tha tachairt am Paris a dhèanamh nas intinniche dhuinn na tha tachairt am Portrigh, agus na tha tachairt ann a Sìona na tha tachairt ann an Staoinebrig.
Cengailte ri sin tha a’ cheist mhòr: dè am fiosrachadh a tha sinn a’ faighinn agus cò tha gar stiùireadh agus gar treòrachadh gu na làraichean air am bidh sinn a’ coimhead agus às am bidh sinn a’ togail ar n-eòlais?
An e uchd-sanais? An e buidhnean coimearsalta? An e na Meadhanan Seann (na tha air fhàgail dhiubh), mar am BBC agus na pàipearan-naidheachd mar An Times a tha sinn a’ cleachdadh, no na Meadhanan Ùra (na meadhanan sòisealta), mar Facebook is eile?
Agus mas e, mar nach sguir Dòmhnall Iain a dh’innse dhuinn, ciamar a tha sinn a tomhas an diofar eadar Naidheachdan Fìrinneach agus Naidheachdan Fuadan?
Oir, gu mi-fhortanach, tha e cho furasta sa ghabhas anns an latha th’ann naidheachd fuadan sam bith èideadh suas mar an fhìrinn, agus le fiosrachadh dhe gach seòrsa a’ taomadh o gach taobh, tha e uamhasach doirbh aig amannan fios a bhith aig neach sam bith dè tha dearbhte agus de tha na thuairmse.
Nuair a thòisicheas Ceann-Suidhe Aimearagaidh an uairsin a’ meòmhrachadh gu poblach mu dheidhinn Disinfenctant dhòirteadh a-steach nar cuirp tha sinn ann am fìor thrioblaid. (nach math nach eil DJ ag òl no cò aig tha fios anns staing anns am biodh an saoghal).
Tha luach mòr ann an rud sam bith as d’fhiach, agus chan eil sìon nas luachmhoire aig a’cheann thall na an fhìrinn.
Cuiridh mi am facal sin le ‘f’ bheag an-dràsta, ach tha sibh làn di-beathta ‘F’ mòr a chuir ann cuideachd!
Is fheàrr an fhìrinn nan ’n t-òr, mar a tha an seanfhacal Gàidhlig ga chuir.
Tha fhios gur e sin an slat-thomhais a bu chòir a bhith againn an dà chuid nar beatha phearsanta agus nuair a thig e gu beatha phoblach.
Oir can ann an teaghlach, mura bheil do chèile no d’athair no no do mhàthair no a’ chlann ag innse na fìrinn ciamar idir as urrainn dhut a bhith beò gu sunndach onarach leotha?
Agus tha fhios gu bheil an aon rud fìrinneach mu bheatha phoblach na dùthcha seo: mura bheil creideas agus earbsa againn anns na daoine a tha os ar cionn, tha sinn ann am fìor dhroch staing.
Agus seo an rud: feumar earbsa a chosnadh. Tha cuimhn’am nuair bha ag obair nam chleasaiche air àrd-ùrlar gur e sin aon dhe na leasainean a dh’ionnsaich mi gu math sgiobalta: gu bheil an luchd-amharch a’ fàileadh (mar gum bitheadh) mi-earbsa a’ mhionaid a thig thu air an stèids, agus gur e pàirt mhòr de obair a’ chleasaiche earbsa an luchd-amhairc a chosnadh. Oir mar a tha an seanfhacal Gàidhlig eile ga chuir: “Cha chreidear an fhìrinn a bheul nam breug.”
Nach e sin an fhìrinn an-dràsta ceangailte ri cuid de àrd luchd-poileataigs an t-saoghail.
Le na tha iad air innse de bhreugan thairis nam bliadhnaichean cò a nise a chreideas facal a chanas Trump no Johnston no cuid mhath dhe na daoine a tha gan cuairteachadh.
Fìu’s nuair a bhruidhneas iad an fhìrinn tha i cho doirbh a creidsinn, oir tha a’ bhreug air a bhith cho cumanta agus cho pailt roimhe.
Caran mar ‘The boy who cried wolf,’ ach gur e iad fhèin am madadh-allaidh.
Chan eil e sìon nas fhasa dhòmhsa na tha e duine sam bith eile tomhas eadar a’ bhreug agus an fhìrinn anns na meadhanan, ach gu bheil mothachadh agad as dèidh ùine gu bheil diofar bhlas eadar na dhà nuair a chluinneas tu iad agus nuair a chi thu iad.
Tha a’ bhreug ga foillseachadh fhèin a cheart cho soilleir agus a tha an fhìrinn, oir mura bheil i follaiseach anns na briathran a tha am breugaire a’ labhairt, tha i follaiseach anns an dòigh anns a bheil e ga labhairt.
Tha rudeigin ain-fhoiseil mu dheidhinn na brèig.
Seo a’ chomhairle b’fhèarr a leugh mi timcheall a’ chuspair seo: nuair a bhios poilis agus luchd-airgid a’ cumail sùil a-mach airson airgead fuadan (forgeries) chan eil iad a’ rannsachadh an airgid fuadain fhèin idir ach air a chaochladh: tha iad ag ionnsachadh a h-uile rud mu dheidhinn coltas nan notaichean ceart, agus le sin aon uair agus gun laigh an sùil air nota fuadan tha iad ga aithneachadh mar ‘forgery’anns a’ bhad.
An aon rud nuair tha sinn a’ faicinn Trump no MacIain no eile: ma tha eòlas againn air an fhìrinn (can o dhotairean agus o nursaichean a thaobh a’ bhìorais) aithnichidh sinn a’ bhreug no an tionndadh nuair a chluinneas sinn i.
Aithnichidh tu an dubh bhon gheal agus tha mi cinnteach cuideachd air a’ chaochladh.