Our columnists

 

AR SGRÌOBHADAIREAN LE COLBH

Proifeasair Dòmhnall MacLeòid - Prionnsapal Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann, agus tha e air aon de na sgrìobhadairean as dùbhlanaiche agus as beachdaile ann an Alba, chan e a-mhàin air cùisean creideimh, ach air caochladh chuspairean sòisealta agus poilitigeach. ’S ann à Nis ann an Leòdhas a tha e.

Aonghas Pàdraig Caimbeul - ’S ann à Uibhist a Deas a tha e agus tha e air tòrr stuth fhoillseachadh mar bhàrd agus ùghdar agus tha e air duaisean fhaighinn airson na obair naidheachd aige. Tha e a’ sgrìobhadh colbh gach seachdain airson a’ Phàipeir Bhig.

Brian MacUilleim - bha e na chiad dheasaiche air agus ’s e a stèidhich Am Pàipear Beag agus tha e air dlùth cheangal a chumail ris a’ phàipear agus na cùisean air a bheil e ag aithris thar na 35 bliadhna a dh’fhalbh. Tha e air duaisean a ghleidheadh mar neach-naidheachd, agus bha e na BhP Làbarach aig Westminster fad 18 bliadhna, ochd dhiubh mar Mhinistear Riaghaltais.

Roger Hutchinson - bha e gu mòr an sàs anns na meadhanan ‘iomaill’ ann an Lunnainn sna 1960an agus ghluais e chun Eilein Sgitheanaich meadhan na 1970an agus tha e air a bhith sgrìobhadh dhan Phàipear Bheag bhon uair sin. Tha e cuideachd air còrr is dusan leabhar a sgrìobhadh, am fear às ùire dhiubh ‘Calum’s Road, a bha air an liosta ghoirid airson Duais Ondaatje 2007 aig Comann Rìoghail Litreachais. Tha e a’ fuireach ann an Ratharsair.

Alex O'Henley - tha colbh spòrs aige gach seachdain sa Phàipear Bheag agus ’s ann à Uibhist a Deas a tha e. Sa cholbh bidh e a’ sgrìobhadh air caochladh rudan bho bhall-coise ionadail gu iomain gu cùisean mòra saoghal spòrs. Tha e a’ sgrìobhadh tric ann am Beurla agus Gàidhlig. Na “obair làitheil” tha e na neach-aithris Albannach air fhastadh aig UEFA airson an làraich-lìn uefa.com

Chris Mitchell - a thug ceum a-mach ann an Ainmh-eòlas agus Eòlas-inntinn bho Oilthigh Hull. Tha e a’ fuireach ann an Waterstein san Eilean Sgitheanach agus tha e air a bhith aig ceann bhuidhnean sgrùdadh-nàdair san eilean airson còrr is 26 bliadhna. Tha e a’ sgrìobhadh colbh “Nature Notes” gach cola-deug sa Phàipear Bheag.

Mary Beith - tha i air obair ann an Alba agus Sasainn mar neach-naidheachd agus sgrìobh i an leabhar “The Healing Thread”, sgrùdadh air leighis thraidiseanta air a’ Ghàidhealtachd. Tha i a’ fuireach ann am Mealainis ann an Cataibh agus tha i a’ sgrìobhadh colbh gach cola-deug sa Phàipear Bheag.

Raghnall MacilleDhuibh - tha e air a dhreuchd a leigeil seachad mar Phrìomh Òraidiche ann an Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann agus tha e air aithneachadh mar aon de na sgoilearan Gàidhlig as fheàrr san latha an-diugh. An neach-deasaiche airson “An Tuil: Anthology of 20th Century Scottish Gaelic Verse” agus “The Gaelic Otherworld”, tha e a’ sgrìobhadh gach cola-deug sa Phàipear Bheag