| ABOUT THE WEST HIGHLAND FREE PRESS |
|
Page 2 of 2
MU DHEIDHINN A' PHÀIPEIR BHIG - AN TIR, AN CANAN, 'SNA DAOINE Freumhaichte sa choimhearsnachd, agus a-nis fo shealbh an luchd-obrach, chaidh Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich a stèidheachadh ann an 1972 leis a’ cheann-uidhe gach seirbheis a bhite a’ sùileachadh bho phàipear-naidheachd ionadail a thoirt do na sgìrean air am biodh e a’ frithealadh. B’ ann air beag stèidh a thòisich cùisean, ach cha b’ fhada gus an do choisinn am pàipear cliù airson aithrisean fiosrach agus beachdail. A’ togail air a’ chliù seo, chaidh an fhèill a bh’ air a’ phàipear am meud agus na mìltean agus na mìltean de dhaoine bho air feadh Taobh Siar na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus bho iomadh ceàrnaidh eile thall ’s a-bhos, ga cheannach. ’S e as fheàrr a dh’innseas dè an fheallsanachd a th’ aig a’ phàipear na faclan a chithear san t-suaicheantas againn: “An Tìr, an Cànan, ’s na Daoine”. Fhuaras an sluagh-ghairm seo bho Lìog Fearann na Gàidhealtachd a rinn strì dheatamach, aig deireadh na 19mh linn, gus còraichean nan croitearan air an fhearann aca a ghleidheadh. Dìreach mar a rinneadh strì airson ceartas an uair sin, ’s e an tìr agus na daoine a tha gu mòr fa-near don Phàipear Bheag na obair an-diugh. Ged a tha piseach mòr air tighinn air cùisean bho 1972, chithear fhathast uachdranachd phrìobhaideach agus fearann air a roinn gu mì-chothromach. Agus tha e fhathast cho riatanach ’s a bha e riamh gu bheil gu bheil smachd aig na daoine a tha ag obair agus a’ fuireach san tìr air dè dh’èireas dhaibh, agus tha seo follaiseach ann an tòrr de na sgeulachdan as iomraitiche mun do sgrìobh am pàipear agus mu bheil e a’ sgrìobhadh fhathast. Tha iomairtean naidheachd brìoghmhor cho cudromach agus a bha iad o chionn 38 bliadhna – no fiù ’s o chionn 200 bliadhna. Gu dearbh, tha am Pàipear Beag air aon de na beagan phàipearan-naidheachd ionadail a tha fhathast ag iomairt gu gnìomhach agus gu làidir gus am bi sealbh aig coimhearsnachdan air an fhearann agus an stòras aca. Tha sinn cuideachd ag iomairt airson cor na Gàidhlig, an dà chuid tro bhith toirt taic phoilitigeach dhi agus tro bhith foillseachadh barrachd stuth sgrìobhte ann an Gàidhlig na pàipear-naidheachd sam bith eile. Thar nam bliadhnaichean, rinneadh adhartas mòr air inbhe a’ chànain àrdachadh, gu sònraichte nuair a thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tràth sna 1970an cha robh iarraidh sam bith aig na h-ùghdarrasan ionadail airson Gàidhlig air soidhnichean rathaid, agus iad aig an àm sin fo smachd nan uachdaran. Ach a-nis tha soidhnichean dà-chànanach, no Gàidhlig a-mhàin fiù ’s, bitheanta gu leòr. Agus tha an aon rud fìor mu shianal telebhisean Gàidhlig – aig aon àm cha robh rian gun tachradh e, ach a-nis tha e stèidhichte agus na mheadhan so-ruigsinn do thòrr sa chànan. Tha am Pàipear Beag air aithrisean is iomairtean a dhèanamh a thaobh sgeulachdan mòra a bha cudromach do na coimhearsnachdan againn. Uaireannan shoirbhich leis na h-iomairtean sin. Uaireannan ge-tà, mar drochaid le cìsean àrda, maoinichte le ionmhas prìobhaideach a bhathar an dùil a thogail chun an Eilein Sgitheanaich, chaidh an latha leis na h-ùghdarrasan fada-às, a dh’aindeoin beachd a’ phàipeir agus na coimhearsnachd ionadail. Agus tha na pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail a thathar a’ cur air adhart air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean – iomairt a bha am Pàipear Beag a’ moladh fad iomadh bliadhna – a’ toirt bhuannachdan tàbhachdach do choimhearsnachdan, a gheibh na ginealaich a thig às an dèidh cuideachd. Tha sgioba sgrìobhadairean nan colbh aig a’ Phàipear Bheag cho math ri gin san dùthaich, agus bidh iad a’ sgrìobhadh sgeulachdan naidheachd agus rannsachaidh anns a bheil ùidh aig mòran. Bidh ar sgioba luchd-naidheachd a’ cur naidheachdan fon phrosbaig air am bi luchd-poilitigs agus luchd-naidheachd na Rìoghachd Aonaichte a’ togail; agus tha na duaisean a tha sinn air gleidheadh airson aithrisean naidheachd, sgeulachdan rannsachaidh agus dealbhan-camara air cliù a chosnadh dhuinn mar aon de na pàipearan-naidheachd ionadail as fheàrr san dùthaich. Tha sinn fhathast cho innleachdach is cruthachail ’s a bha sinn nuair a thòisich sinn ann an 1972, agus a’ teannadh dlùth air a’ chòigeamh deichead againn, b’ e am Pàipear Beag a’ chiad phàipear-naidheachd san Rìoghachd Aonaichte a chaidh fo shealbh an luchd-obrach – clach-mhìle eile nar n-eachdraidh. Ri linn seo leanaidh am Pàipear Beag ris na freumhan ionadail aige, agus e stèidhichte gu h-ionadail agus fo shealbh muinntir an àite, an àite a bhith fo shealbh chompanaidhean mòra naidheachd, a tha cha mhòr daonnan stèidhichte ceudan de mhìltean air falbh bho na coimhearsnachdan dha bheil còir aca bhith ’g obair. Tha Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich ri fhaotainn gach Dihaoine, air feadh Taobh Siar na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus ann am bailtean na h-Alba. Tha e cuideachd ri fhaotainn air-loidhne no tron phost. |

