Aonghas Phadraig Caimbeul
Mura b’e Covid 19 bhiodh Geamaichean Uibhist a Deas agus Geamaichean Uibhist a Tuath air a bhith a’ gabhail àite an t-seachdain-sa chaidh, agus bhiodh Geamaichean an Eilein Sgitheanaich cuideachd a’ tàladh nam mìltean mòra a Phort Righ an ath sheachdain.
Ach, mar iomadh rud eile (nas cudromaiche?) tha na gnothaichean sin air a dhol gu aon taobh am bliadhna.

Chan eil a h-uile duine cho dèidheil sin air na Geamaichean Gàidhealach, ged a tha mise, agus chì mi carson: oir gu ìre mhath tha iad a-nise ag amas gu mòr air luchd-turais seach air muinntir na sgìre fhèin (ged a tha na tachartasan fhathast a’ còrdadh math gu leòr ri cuid dhe na daoine ionadail cuideachd).
Ach ’s e an call agus an cunnart gu bheil an sealladh (fheilidhean is cabair) buailteach gabhail thairis bhon spòrs agus an traidisean.
Oir bha traidisean ann – far am biodh bailtean is sgìrean is muinntir nan glinn a’ cruinneachadh uair sa bhliadhna son strì is spàirn an aghaidh a chèile.
A’ tilgeil na cloiche, a’ tilgeil an ùird, a’ carachd, a’ pìobaireachd, a’ dannsa, a’ ruith agus a’ leum.
Agus, gun teagamh, a’ bruidhinn agus a’ còmhradh agus a’ cuimhneachadh agus a’ deasbad agus ag òl agus a’ trod agus a’ sabaid ri chèile cuideachd, tha mi cinnteachd. Mar a chanadh iad uaireigin an Uibhist, ‘Cha mi gu sabaid agus bhrist dannsa mach…!’

Tha Geamaichean cho sean ris a’ chinne-daonnda: tha eachdraidh gach dùthaich, eadar Sìona agus Solas, na dhearbhadh air an sin.
Tha Geamichean ainmeil na Grèige air a bhith riamh ann, ach fhad’s a thuigeas mi, b’e an Righ Maol Choluim a’ Chinn Mhòir a stèidhich iad gu formeil ann an Alba san 11mh Linn: dòigh math a bh’ann fir threuna fhaicinn agus a thaghadh son a bhith nan saighdearan!
Mar tha fhios againn, bha an t-fheileadh agus ar cànan agus gach gnothach Gàidhealach eile rim faicinn mar rudan cunnartach ri linn nan Seumasach, agus chaidh smachd is casg a chuir air na taisbeanaidhean Gàidhealach sin às deidh Chùl Lodair.
Ach taobh a staigh ginealach bha A’ Ghàidhealtachd air a sèimheachadh agus air “a sìobhalachadh”, agus nuair nochd Righ Seòras an Dùn Èideann an cuide ri Sir Bhaltair Scott aig toiseach na 19mh linn bha an tartan air fhaicinn mar rud snasail fasanta.
Cha b’ fhiach thu ann an seòmraichean àlainn Dhùn Èideann no ann an taighean spaideil Lunnainn mur an robh fheileadh agus sgian dubh mud ghlùinean (no os cionn na glùine!) agus iteag às do bhonaid.

Chì thu gu leòr dhiubh sin fhathast, gu sònraichte aig na cruinneachaidean mòra anns an Òban agus an Inbhir Aora is eile, agus na Caimbeulaich aig ceann na sreath!
’S e fìor leasan a th’ ann a dhol gu Pàirce Mossfield gach bliadhna gu Cruinneachaidh Earra-Ghàidheil far a bheil an cnoc làn le uaislean (an e sin am facal?) air ais bho na sgoiltean ann an Eton is eile son an t-samhraidh.
Chan ionnan sin le na geamaichean nas lugha, mar an Uibhist agus san Eilean Sgitheanach.
Latha mòr da-rìreabh a bh’ ann an Latha nan Geamaichean an Uibhist nuair a bha mi fàs suas, agus machaire Aisgeirnis làn le daoine nach fhaca càch a chèile o chionn ùine.
Agus abair pìobairean is dannsairean is luchd-cleasachd. Eachann Stab a’ tilgeil na cloiche nas àirde na duine riamh san t-saoghal, agus Clann Dhòmhnaill Aonghais Chailein agus na Moireasdanaich treun à Geirinis a’ carachd son duais foghainteachd na bliadhna!
Agus an strì a thaobh tarraing an ròpa aig deireadh an latha: fiù’s le na h-igheanan agus na mnathan foghainteach an Uibhist a Tuath!

Saoilidh mi gu bheil Covid a’ cur nar cuimhne cho cudromach agus a tha na cruinneachaidhean a bhios againn gu h-àbhaisteach. Mar a tha an abairt ga chuir: chan ionnndrainn thu an aiseag gus am falbh i.
Oir tha na deas-ghnàthan (rituals) a tha againn uile cho cudromach sa ghabhas. Ma tha sinn cleachdte ri brochan is cupa tì air a ruadhadh sa mhadainn, bidh sinn ga ionndrainn ma bheir cuideigin dhuinn corn-flakes agus cofaidh na àite!
Nach eil deas-ghnàthan againn uile a tha gar cumail sàbhailte agaus fallain?
Oir tha e aithnichte gu bheil atharraichidhean mòra anns na deas-ghàthan againn buailteach cron a dhèanamh, le ciùrradh-inntinn na chois.
Can nuair a bhriseas pòsadh agus far a bheil a’ chlann air an fàgail a’ tulgadh eadar màthair is athair, gun chinnt sam bith aig amannan càite am bidh iad a’ fuireach.
Chan eil fhios aca bheil iad a’ tighinn no falbh agus tha sin gam fàgail mi-chinnteachd agus gann de mhisneachd.
Nach eil fiùs na ràithean agus na h-uauirean fhèin a toirt stèidh dhuinn?
Tha madainn ann, agus feasgar is oidhche, agus tha e aithnichte cuideachd gu bheil cron gu leòr ceangailte ri bhith measgachadh na diofar phàirtean dhen latha agus dhen oidhche suas an lùib a chèile.
Tha fhios’am gu bheil gu leòr ann a dh’fheumas sin a dhèanamh chionns gu bheil iad ag obrachadh sioftaichean, ach tha e buailteach tachairt cuideachd nuair a chailleas neach a dhreuchd, no nuair a leigeas daoine dhiubh an dreuchd, no nuair a tha ùpraid nad bheatha.
Aig amannan mar sin tha daoine buailteach oidhche dhèanamh dhen latha agus latha dhen oidhche – is aithne dhomh gu leòr a bhiodh air an cois leth dhen oidhche a’ coimhead telebhisean is filmichean agus an uairsin nan cadal leth dhen latha.
Ann an dòigh is e taghadh a tha sin, ach tha e cuideachd buailteach d’fhàgail iomrall. Tha fhios’am.
Le sin, tha e math gu bheil làithean-fèille ann a tha comharrachadh na bliadhna dhuinn.
Latha na Nollaig. Oidhche Chullaig. Latha Fèill Bhrìghde. A’ Chàisg. Seachdain Cheòlais. Latha nan Geamaichean an Aisgeirnis. Latha nan Geamaichean an Uibhist a Tuath. Latha nan Geamaichean san Eilean Sgitheanach. Oidhche Shamhna.
Agus mar sin air adhart.
Tha iad uile nan comharran agus nan cuimhneachain dhuinn.
Bidh Am Pàipear Beag seo fhèin air ais ann an clò agus anns na bùitean cuideachd an ath sheachdain: nach math sin, oir tha gu leòr cuideachd a bhios a’ coimhead air adhart ris an Diardaoin no an Dihaoine nuair gheibh iad am pàipear.
Latha a’ Phàipear Bhig, mar a chanas iad freadh an t-saoghail mhòir!
