Gàidheil òg is iomraiteach a’ bhuill-coise

Aonghas Phadraig Caimbeul


Mo mheala-naidheachd air Seumas Greumach à Eilean Leòdhais a tha air cùmhnant aontachadh le Rangers Ghlaschu agus a bhios a-nis na phàirt dhen Acadamaidh ainmeil aca.

Chan eil Seumas còir ach 16 agus bha grunn sgiobaidhean mòra eile – Liverpool is Man Utd is Wolves, mar eisimpleir – air a thòir, agus tha sin fhèin na fhianais gu bheil sgilean sònraichte aige a dh’fhaodadh a thoirt gu fìor àrd ìre.

Seumas Greumach à Leòdhas a tha cluich son Rangers. Pic: @RangersFC

Tha mi an dòchas gun tachair sin, ged a bhios slighe fada roimhe tha mi cinnteach cuideachd, oir chan e rud soirbh sam bith a th’ ann adhartas a dhèanamh ann an saoghal a’ bhuill-coise.

Mar gach spòrs eile, feumaidh tu cuideachd a bhith fortanach agus cumail clìoras a bhith air do ghortachadh agus do leòn, ach ma tha an comas agus an dùrachd agad tha, teansa gu leòr soirbheachadh.

Chan aithne dhòmhsa Seumas òg, ach a rèir gach iomradh a chluinneas mi agus a leughas mi is e balach gasta a th’ann – agus ciamar nach bitheadh do ghille a bha a’ cluich airson A’ Bhac!

Tha mi an dòchas gun soirbhich leis anns gach dòigh – agus gu h-araid o chionns gun robh e cluich airson Ross County airson greis!

Tha fhios’am nach e Seumas an aon eileanach a tha air soirbheachadh ann am ball-coise o chionn bhliadhnachan.

Tha ball-coise nam boireannach gu sònraichte air adhartas mòr a dhèanamh o chionn ghoirid, agus mo charaid agus eòlaiche a’ bhuill-coise  Ailig O’ Henley, ag innse dhomh gu bheil grunn chlann-nighean à Leòdhas a’ cluich aig fìor àrd-ìre an-dràsta fhèin: Rachael Johnstone à Bail’ Ailean eadar na puist aig sgioba Celtic fo aois 19, agus cuideachd a’ cluich do dh’Alba; Chloe Nicholson, goalie eile as an Rubha air na leabhraichean aig Rangers; Màiri NicLeòid còmhla ri Caley Thistle, Kayleigh NicChoinich aig Caley Thistle cuideachd, agus Cairistiona NicFhionghain à Leurabost aig Queen’s Park.

Mo bheannachd orra uile!

Raonaid NicIain, Celtic is Alba

Tha fhios’am cuideachd gun robh (agus gu bheil) grunn bhalaich òga Gàidhealach a’ cluich do sgiobaidhean Inbhir Nis – Haraidh MacNeacail agus Domhnall Moireasdan, agus Ruairidh MacGriogair a tha fhathast ceangailte ri Caley.

Chan e gur e na daoine òga Gàidhealach sin a’ chiad fheadhainn riamh a chluich ball-coise aig àrd-ìre.

Bha Calum Dòmhnallach ann, a’ cluich airson Celtic, Cille Mheàrnaig, Brentford agus Alba anns na 1930an agus na 1940an – aon dhe na cluicheadairean aig Celtic riamh a scòr Tri (Hat-Trick) an aghaidh Rangers!

Dh’fhàgadh sin fhèin e na laoch!

Bha e cuideachd na mhanaidseir soirbheachail aig Cille Mheàrnaig, Brendford agus os cionn sgioba na h-Alba  ann an 1966.

Calum Dòmhnallach – bha phàrantan à Uibhist a Deas

The an sgeulachd slàn aig Ailig anns an leabhar ionmholta ‘Rionnag Chaillte/Forgotten Star’ a chidh fhoillseachadh le Urras Leabhraichean nan Eilean ann an 2103 agus a gheibh sibh bhuapa-san no bho Chomhairle nan Leabhraichean.

Tha an leabhar ann an Gàidhlig le tionndadh Beurla cuideachd, agus is math as d’fhiach a cheannach.

Ged a chaidh Calum a bhreith agus a thogail an Glaschu bha dlùth-cheangail aige ri mo bhaile fhìn an Uibhist a Deas – An Leth Mheadhanach – às an robh a mhàthair. Gu dearbha, chaidh a breith agus a togail astar bheag bhon làrach far an deach mi fhìn a bhreith agus a thogail.

Och, nam bithinn air leth dhen tàlant aige fhaighinn!

Ronnie MacFhionghain (Leòdhas) cluich an aghaidh Pele

Tha mi creidsinn gur e Ronnie MacFhionghain a tha a nist, agus airson grunn bhliadhnachan, air a bhith a’ fuireach ann an Leòdhas am fear eile a ràinig fìor àrd-ire. Tha an sgioiba ainmeil aig Rangers bho na 60an agus na 70an –  Ritchie, Shearer and Caldow, Greig MacKinnon and Baxter, Henderson MacMillan Miller Brand and Wilson – fhathast air mo theanga, agus bha fhios agad nuair chluinneadh tu an sgioba sin nach glèidheadh Celtic an latha sin!

Nam biodh an samhail againn san latha th’ ann…

Bha feadhainn eile cluich aig àrd-ìrean cuideachd le ceangail leis a’ Ghàidhealtachd: far Ruairidh Rothach, mar eisimpleir, às an Allt Bheatha air Taobh Siar Rois a tha Ailig ag ainmeachadh san leabhar, agus a bha cluich airson Rangers agus Brentford cuideachd.

Agus bha Andy Gray, is a mhàthair à Leòdhas.

Iain Eàirdsidh MacCoinnich, ‘The Firhill Flyer’

Agus gu sònraichte bha Iain Eairdsidh MacCoinnich (am ‘Firhill Flyer’ a bha aca air) a bha a’ cluich airson Partick Thistle, ach cuideachd airson Bournemouth and Boscombe Athletic, Fulham, Dumbarton agus Derry City.

Fhuair e naoi bonaidean (no cip) son bhith cluich do dh’Alba, agus chan eil ach trì bliadhna bhon a dh’eug an gaisgeach sin ann an Tioriodh.

Saoilidh mi gun do rinn Iain Moireasdan agallamhan ris a bha air leth prìseil.

Chan eil mi dol a dhiochuimhneachadh fear an do chluich mi na aghaidh turas no dhà aig Cairiseabhail – Cailean Caimbeul à Beinn a’ Bhaoghhla.

Sàr-chluicheadair eile bh’ann an  Cailean, a chluich airson Oilthigh Dhùn Èideann mus deach e air adhart dhan sgioba ainmeil aig Hibs fo stiùir Eddie Turnbull, agus an uairsin gu Dundee United, Airdrie agus Meadowbank Thistle.

Ràinig Cailean còir àrd-ìre, a’ cluich ann anns a’ chuairt dheireannach de Chupa na h-Alba, far am biodh Hiba air an cupa ghlèidheadh nam biodh Cailean air tuiteam nuair a leag Peter MacCloy aig Rangers e.

Ach bha e robh onarach, agus chùm e air a chasan: cha robh seòltachd anns na Gàidheil!

Cailean Caimbeul (deas,13) taobh George Best aig Hibs

Ge-tà, feumaidh mi seo a ràdh: nuair a chluich mi na aghaidh airson Southend aig Cairiseabhail rinn sinn an gnothach air na Baoghlaich 2-1 no rudeigin!

Ach bha iad math, agus cha robh na b’ fheàrr na Neilly Moireasdan, an cluicheadair a b’ fhèarr a bh’air a’ phàirc an oidhche sin.

Saoilidh mi gum biodh an dearbh bhalach air a bhith cluich aig fìor àrd-ìre nam biodh an cothrom air a bhith ann.

Oir bha an tàlant agus an sgil aige.

Dìreach mar a bha aig grunn chluicheadairean eile ris an do chluich mi agus a chunnaic mi air a Ghàidhealtachd thairis nam bliadhnachan.

Bha Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain (Seonaidh Ailig Mhìcheil Ruaidh) uamhasach math, mar a bha gu leòr eile – fear Dàibhidh Laird a bha còmhla rium sam sgoil san Òban agus a dh’fhalbh sìos gu Morton, ach bha an cianalas air agus thill e dhachaigh. Agus bha Chris MacFhionghain à Caol Acainn san Eilean Sgitheanach – duine gasta a chunna mi an dè fhèin.

Cluicheadair cho ealanta sa chunnaic mi na latha.

Ball-coise aig Cairiseabhail, le mo chousin Donaidh Dhòmhnaill Bhròdaidh sna goals. (an dealbh le Ùisdean MacIlleathain, taing do Chailean MacIlleathain)

Làithean eile bha siud is dòcha, oir eadar goireasan agus siubhal agus coidseadh, is dòcha gu bheil beagan a bharrachd cothrom aig Gàidheil òga àrd-ìrean a’ ruighinn a-nis.

Ged nach eil mi cho cinnteach mun sin, oir coltach rinn fhìn a bhiodh a’ cluich  le seann bhall trom leathar aig ceann an taighe no ri taobh na h-aibhne no shìos air a’ mhachaire, nach tàinig na cluicheadairean a b’ fhèarr a bha riamh ann bho chlobhsaichean Ghlaschu agus bho na sràidean far an robh iad a’ cluich a latha agus a dh’oidhche le ge brith dè geobhadh iad son a bhreabadh?

Crogan no corca ma dh’fheumadh iad.

Dribleadh (mar a chanadh iad) feadh nan sràidean le ball-beag: sàr-chluicheadairean mar Jimmy Johnstone a bha cho math le Messi na latha.

Agus nach eil an aon rud ri ràdh mu na Brazilianaich is na h-Argentinianaich aguis na h-Afraganaich ainmeil a dh’ionnsaich cluich air an t-sràid no ans a’ ghreamhail no air a’ ghainmhich le ge brith dè bh’aca?

Daoine mar Rivelhino agus Maradona agus Sadio Mane nar latha fhìn.

Saoilidh mi gu ìre mhòr gu bheil ball-coise (mar rudan eile) air fàs ro phroifeasantach. Chan eil sìon coltach ri cluich còmhla gun duaisean mhòra na chois, ach chì mi nist clann bheaga aois còig no sia no seachd air an ‘coidseadh’ gun sguir: coidsichean agus pàrantan ri taobh na pàirce ag èigheach orra agus ag innse dhaibh gluasad mar siud agus breabadh mar seo.

Is e an cunnart gu bheil an spòrs agus am fealla-dhà agus an cur-seachad an uairsin a dol na ghnothach “cudromach”, agus uile mu dheidhinn buannachadh.

Tha am balach agam cluich ball-coise agus uaireannan nuair chithinn e trèanadh bhithinn ag ràdh rium fhìn “dè am feum a tha seo a’ dèanamh”?

Triantan gun sguir agus iad a’ pasadh a’ bhuill gu càch a chèile ag atharrais Xavi agus Iniesta aig an Nou Camp.

Nuairsin nuair thigeadh an geam’ fhèin, bhiodh iad uile diochuimhneachadh sin agus a’ ruith gu nàdarra as dèidh a’ bhuill. Mar a thuirt Jurgen Klopp o chionn ghoirid – “Tha ball-coise gu math sìmplidh. Ma tha am ball agad, cùm e agus scòr tadhail. Mura bheil am ball agad, ruith as a dhèidh gun sguir gus am faigh thu air ais e. Cluich mar nach eil anns an t-saoghal ach an aon bhall a tha air a phàirc.”

Bha sin fìrinneach dhuinne.

Ma bha aon bhall fhèin againn bha sin fortanach.

Agus an uairsin bhurstadh e.

Agus a-mach leis na paidsichean agus glaodh a’ bhaidhseagal agus leis a’ phumpa. Ach b’e sin fhèin pàirt dhen spòrs.

Chan e. B’e sin fhèin an spòrs.

O, agus bruidhinn gun sguir nach robh an tadhail mu dheireadh a fhuair iadsan idir ceart, oir chaidh am ball taobh eile na seacaid a bha na phost. No tarsainn a’ mhaide-tarsainn nach robh ann!

Agus bha Lachaidh Mòr offside co-dhiù nuair a scòr e an tadhail. Mar sin is e draw a bh’ann.

A nise, dè mu dheidhinn bàra tofaidh fhaighinn à Bùth Fhionnlaigh?

Biadh fallain Tofaidh Bò às dèidh a gheàma!