Aonghas Phadraig Caimbeul
Bha mi bruidhinn le mo charaid Coinneach air a’ phrògram rèidio aige an t-seachdain-sa chaidh mu dheidhinn Ionad-Sheallaidh Rìòghail Ghreenwich ann an Lunnainn, a chaidh a stèidheachadh air an t-seachdain seo ann an 1638.
Ionad iongantach gun teagamh, ach chan e an obair mhòr a thaobh speuradaireachd agus seòladh a bu mhotha thog m’ aire, ach na h-ionnstramaidean fhèin a tha cho àlainn agus susbainteach.
Dè thachair dhuinn mar dhùthaich nuair a bha an comas againn na h-innealan iongantach sin a dhèanamh aig àm An Tionndadh Gnìomchachais (an Industrial Revolution) agus às a dhèidh, agus a-nise cha mhòr gum faic thu sìon ann am baile ach bùitean-cofaidh agus taighean-seinnse?
Tha mi tuigsinn gun do dh’fhàs an saoghal nas lugha anns na linntean a chaidh seachad, agus gun do dh’èirich dùthchannan mar Iàpan agus Sìona agus Corea agus – o chionns nach eil iad a’ pàigheadh an luchd-obrach na h-uimhir, agus o chionns nach eil riaghailtean slàinte agus sàbhailteachd aca cho teann – gun tèid aca ri gnothaichean a thogail nas saoire nas urrainn dhuinne ann am Breatann.
Tuigidh mi sin, ged nach eil ann ach pàirt dhen adhbhar.
Tha e cuideachd, ge-tà, mu dheidhinn mar a tha gach dùthaich gam faicinn fhèin. Tha e mu dheidhinn treànadh is foghlaim is teagasg is amasan.
Tha e mu dheidhinn cultar.
Saoil nach eil sinn air na rudan “sìmplidh” a thilgeil air falbh buileach glan anns an rìoghachd seo?
Innleachdas.
Tha fhios’am gu bheil neach sam bith a tha air aois a ruighinn buailteach coimhead air ais agus osnadh a dhèanamh mar a dh’fhalbh na seann làithean (agus mar a bha iad daonnan nas fheàrr agus a’ ghrian, mas fhìor, daonnan a’ deàrrsadh), agus gearain mu dheidhinn clann an latha an-diugh.
Ach a dh’aindeoin sin, mura mothaich sinn dè chaill sinn a bharrachd air dè ghlèidh sinn, chan ionnsaich sinn mòran.
Saoil a bheil clann an latha an-diugh cho math le an làmhan agus a bha clann an latha an-dè? A bharrachd air a bhith suathadh i-fon, tha mi ciallachadh!
Chan ill’fhiosam am faca sibh an rud a thuirt am fear a tha os cionn a bhith treànadh dhotairean (lannsairean no sùirdeans) bho chionn ghoirid.
Thuirt e gun robh barrachd is barrachd de dh’oileanaich medigeach a’ tighinn thuige le nas lugha agus nas lugha de sgilean bhunaiteach a thaobh cleachdadh an làmhan.
Thuirt e gum b’àbhaist do dh’òigridh a bhith cleachdte ri bhith ag àtharrachadh chnòthan air baidhseagalan, no togail ‘dens’, no toirt einnseanan às a chèile no fighe no fuaigheal, ach gu bheil (anns a’ chumantas) na sgilean sin a dhìth a-nis, agus gu bheil aige ri oileanaich a threànadh air ciamar a làimhsicheas iads rud cho bunaitean ri snàthad agus snàthlainn.
Ginealach ditsiteach a tha againn a-nise, agus sin far a bheil sin.
Ach tha ceist nas farsaing cengailte ri seo cuideachd, agus is e sin mar a tha saidheans agus einsinnearadh air fhaicinn agus air a theagasg san dùthaich se.
Nuair a thèid agad air rud sam bhith a cheannach (aig prìs shaor) air an eadar-lìon, carson fo shealbh a dhèanadh tu fhèin e, no carson fo shealbh a chàradh tu rudeigin?
Tha sinn ann an saoghal tilgeil air falbh.
Ma bhriseas an coire, mach leis dhan sgudal, agus òrdaich fear eile. Ma tha toll sa bhriogais, mach leatha dhan sgudal, agus òrdaich tè eile bho Amazon.
Math agus gu bheil sin, tha e ciallachadh saoghal anns a bheil sinn a’ caitheamh agus a’ cosg seach a’ cruthachadh agus a’ càradh.
Agus feumaidh sin uile atharrachadh ma tha saoghal idir gu bhith againn a bhios buan is fallain.
Ar gnothaichean fhìn (cho math agus as urrainn dhuinn) fhàs agus a dhèanamh, seach daonnan a bhith crochadh air tràillean ga dhèanamh dhuinn air taobh thall an t-saoghail.
Tha mi air a bhith leughadh leabhar mu obair-ealain Iàpan a bha caran ceangailte ris a’ chuspair seo.
Leabhar a chaidh fhoillseachadh ann an 1972, ‘The Unknown Craftman – A Japanese Insight into Beauty’, le Soetsu Yanagi.
Tha tòrr rudan math anns an leabhar – nan lùib, an tiotal fhèin.
Oir is e a’ bheachd aige gun tàinig an ealain a b’fhèarr daonnan o dhaoine cumanta nach do chuir riamh an ainm ris an obair.
Bha iad mar phàirt de choimhearsnachd, seach ‘luchd-ealain’ air leth bho, no os cionn, chàch.
Mar a thuirt am bàrd eile, cò am bàrd as fheàrr na ‘Anon’?
Caran mar a thuirt Somhairle MacGill-Eain mu na seann òrain Gàidhlig gun urra: “I often wonder whether any one making poetry in the Germanic dialects spoken in the British Isles has equalled in real poetic greatness the old Lowland Scots Ballads, and similarly I wonder whether any one making poetry in the Celtic dialects has equalled those anonymous or obscurely authored Gaelic songs of the 16th, 17th and 18th centuries.”
Is e a’ bheachd aig Yanagi gu bheil fallaineachd nan ealain (àilleachd nan ealain) ceangailte ri coimhearsnachd agus chan ann ris a’ bhàrd no ris a’ bhàna-bhàrd fhèin (‘the cult of the “genius” mar a tha aige air).
Oir chan eil bàrd no pàipear-naidheachd no bùth a’ bhaile no sgoil na sgìre no comhairle na roinne ach cho làidir agus a tha a’ choimhearsnachd.
Gun choimhearsnachd chan eil ealain no cànan no eile againn a bhios fallain.
A thaobh innealan is trèineadh-teigniceach saoilidh mi gun d’fhiach e daonnan cuimhneachadh gun tèid aig a Ghàidhlig agus aig gnìomhachasan mòra obrachadh còmhla. Chan e factaraidhean a’ Chlò Hearaich a chuir às dhan Ghàidhlig.
Chan e cuaraidhean Eisdeal agus Luinn agus Bhaile Chaolais a chuir às dhan Ghàidhlig anns na sgìrean sin.
Chan e Factaraidh Fheamainn Bhaghasdail a dh’adbhraich crìonadh na Gàidhlig: gu dearbha bha e daonnan na thlachd tadhal an sin agus dearbhadh fhaighinn a-rithist agus a-rithist gun seasadh Gàidhlig ge brith dè an gnìomhachas, fhad’s a bha daoine ga bruidhinn aig an taigh agus anns a’ choimhearsnachd.
Agus a thaobh ealan – cha ruig thu leas a bhith a’ taisbeanadh anns an Louvre no ann an Gailearaidh an Tate no ann an gailearaidh sam bith eile son ealain a dhèanamh.
Chan fhaca mi fhathast ealain nas grinne na an taigh-geal tughaidh a bh’ aig Eòghainn Phàdraig, no gu dearbha na cocannan-feòir a chì thu fhathast an-siudh agus an-seo.
Feumaidh sinn togail air na rudan a tha againn, seach na rudan nach eil, no dh’fheumas sinn a cheannach a-staigh.
Aon rud cinnteach: tha deagh pholl-mònadh na ealain fhathast!