Aonghas Phadraig Caimbeul
Tha m’ athair-ceile 88, agus bha e na sgiobair aig muir airson faisg air 50 bliadhna, a’ seòladh ann an cuantan ciùin is cuantan garbha o aon thaobh dhen t-saoghal chun an taoibh eile.
Dà rud a dh’ionnsaich e: spèis a thoirt dha na maraichean, agus dhan mhuir fhèin.
Oir chan eil nas eòlaiche air a’ mhuir ach na maraichean.
Ach a dh’aindeoin sin, mar a tha an seanfhacal ga chur, nach àraid gu bheil na maraichean as fheàrr (mas fhìor) daonnan nan suidhe air bocsa-fiodha air a’ chidhe a’ càineadh nan seòladairean a tha a-muigh a strì ri subhailcean is stuaghan is stoirmean?
Tha iad nan suidhe an sin ag innse do dhuine sam bith a bheir èisteachd dhaibh mu na rudan a tha an sgìobair agus an sgioba a’ deànamh ceàrr, agus mar a dheànamh iadsan e cho diofraichte. Agus ceart.
Feumaidh mi bhith faiceallach nach eil mi bruidhinn mum dheidhinn fhìn.
Oir chan eil nas miosa na feallsanaiche na shuidhe ann an sèithear mòr taobh an teine fhad’s tha feadhainn eile muigh anns an uisge agus anns an fhuachd a’ deànamh an dìcheall.
Mar Ghoill (no daoine aig a bheil facal no dhà, mar ‘Ciamar a tha thu?’) ag innse dha na Gàidheal dè bu choìr dhuinn a dhèanamh.
Oir tha fiù’s Bòrd na Gàidhlig a’ deànamh an dìcheall.
Ach a dh’aindeoin sin, mar a tha an seanfhacal ga chur, nach àraid gu bheil na maraichean as fheàrr (mas fhìor) daonnan nan suidhe air bocsa-fiodha air a’ chidhe a’ càineadh nan seòladairean a tha a-muigh a strì ri subhailcean is stuaghan is stoirmean?
A thaobh a’ Bhùird agus an càineadh ùr a fhuair iad an t-seachdain seo, tha fhios fo shealbh nach e toirt airgead air falbh bhuapa (fìu’s bho na plànaichean) airson tuilleadh a chuir ri foghlam am freagairt?
Nach eil na milleanan mòra cheana (agus an dleastanas cuideachd) aig Riaghaltas na h-Alba airson sin?
Ma tha ath-sgaoileadh gu tachairt, feumaidh sin a dhol a-mach dha na freumhan: dha na coimhearsnachdan fhèin far a bheil a’ Ghàidhlig fhathast beò (air èiginn).
Far am bu chòir oifisean is obraichean a’ Bhùird fhèin a bhith stèidhichte cuideachd, seach an Inbhir Nis, man!
Chan e gu bheil e daonnan ceart a bharrachd a bhith balbh.
Nuair a tha gnothaichean olc agus/no ceàrr a’ tachairt – tràilleachd, mar eisimpleir – chan eil teagamh nach eil dleastanas oirnn uile bruidhinn a-mach na aghaidh.
Mar an ceudna le gràin-cinnidh, agus gu dearbha le gràin sam bith. Oir, a-rèir an t-suidheachaidh, tha sàmhchar na aonta. Dè thuirt am fear eile rithist – An t-Ollamh Màrtainn Luther King – “In the end, we will remember not the words of our enemies, but the silence of our friends.”
Cha robh Crìosd fhèin – Prionnsa na Sìthe – daonnan sàmhach.
Cuimhn’ agaibh mar a thilg e bùird an luchd-mhalairt anns an ionad-adhraidh bun-os-cionn?
Agus chan e faclan mìn socair a thug e dha na Pharasaich, a’ toirt “sliochd nan nathraichean nimhe” orra.
Agus a-rithist a’ bruidhinn mun uachdaran Herod ”an sionnach ud”.
Tha mi cinnteach gur e an fhìrinn gu bheil àm ann a bhith bruidhinn agus àm ann a bhith sàmhach.
Chan ill’fhiosam an deach sin riamh a chuir cho grinn agus a tha e ri fhaotainn anns a’ chuibhreann ainmeil ud a leughas sinn ann an Leabhar Eclesiastes a tha daonnan cho tlachdmhor aithris:
“Aig gach nì tha tràth, agus àm aig gach rùn fo nèamh:
Àm gu breith, agus àm gu bàs fhaotainn;
Àm gu suidheachadh, agus àm gus an nì a shidheachadh a spìonadh suas;
Àm gu marbhadh, agus àm gu leigheas;
Àm gu briseadh sìos, agus àm gu togail suas;
Àm gu gul, agus àm gu gàire;
Àm gu caoidh, agus àm gu dannsa;
Àm gu clachan a thilgeadh air falbh, agus àm gu na clachan a chruinneachadh;
Àm gu gabhail an glacan, agus àm gu fantainn o ghabhail an glacan;
Àm gu cosnadh, agus àm gu call;
Àm gu gleidheadh, agus àm gu tilgeadh air falbh;
Àm gu reubadh, agus àm gu fuaigheal;
Àm gu bhith tosdach, agus àm gu labhairt;
Àm gu gràdhachadh, agus àm gu fuathachadh;
Àm gu cogadh, agus àm gu sìth.”
Chan eil raon dhe ar beatha nach eil air a chòmhdachadh an sin. Oir cò againn, gach latha, nach eil ann an suidheachadh air choireigin eadar briseadh sìos agus togail suas, eadar caoidh is dannsa, eadar cosnadh is call, is eile.
Agus seall fhèin air cho freagarrach agus a tha an loidhne sin na làithean seo ri lìnn an ‘lockdown’: “`Am gu gabhail an glacan, agus àm gu fantainn o ghabhail an glacan”!
Thig an t-àm!
’S e an duilgheadas, taghadh eadar na dhà, nuair a tha taghadh ann. Oir uaireannan chan eil: uaireannan chan urrainn dhut ach caoidh, no bhith tosdach; uaireannan eile, chan urrainn dhut ach dannsa no labhairt.
Ach aig amannan tha taghadh ann, agus sin cnag na cùise. Cuin a chanas tu rudeigin agus cuin a bhios tu sàmhach.
Tha eachdraidh fhèin a’ dèarbhadh nach biodh tòrr dhe na còraichean agus tòrr dhen t-saorsa a tha againn air a bhith againn mura b’e gun do rinn boireannaich is fireannaich strì làidir mun deidhinn: am bhòt fhèin, Achd na Cruitearachd, còraichean-cànain (beag agus gu bheil iad) agus mar sin air adhart.
Is dòcha gu bheil e uile crochadh air gliocas. Faodaidh tu a bhith fiosrachail agus cumhachdach agus beartach agus foghlamaichte agus beachdail agus mar sin air adhart, ach mura bheil gliocas agad, dè as d’ fhiach e?
Dè th’ ann an gliocas? Sin ceist a nis! Tha tùr a’ tighinn a-steach ann.
Agus cothromachd. Agus foighidinn is ùine – oir chan eil mi cinnteach gur e gliocas a tha stiùireadh rud sam bith a nì neach ann an cabhaig.
Agus aig cridhe ghnothaich saoilidh mi gu bheil comhairle: gabhaidh am fear no an tè a tha glic comhairle.
Ann am Beurla is e am facal ‘discernment’ as fheàrr a tha ga chòmhdachadh – facal a tha Dietrich Bonhoeffer a’ cleachdadh anns an leabhar iongantach aige ‘Letters and Papers from Prison.’
Bha esan dhen bheachd, agus cha rachainn às àicheadh, gur e ‘discernment’ (gliocas?) am feart as fheàrr agus is feumaile do mhac an duine.
Tha iad ag ràdh gun tig gliocas ri aois, ach chan eil mi cho cinnteach às an sin, oir gach latha chì mi pàistean beaga a tha fada nas glice na cuid dhe na ceannardan againn a tha bruidhinn gun sguir air an telebhisean.
Is dòcha gur e an rud prìseil mu dheidhinn gliocas gu bheil e stèidhichte air ciall, agus gu bheil ciall fhèin a’ crochadh air a bhith gabhail comhairle, seach dìreach a bhith ga toirt seachad.
Mar a tha an seanfhacal Gàidhlig againn ga chuir: “Comhairle do dhuine glic, slat do dhruim an amadain.”
Ach comhairle no slat, tha e aig a’ cheann thall a’ crochadh de nithear ris: faodaidh sinn uile comhairle (no gu dearbh slatan) fhaighinn (no thoirt seachad) ach ’s e rud eile dè nì sinn ris a’ chomhairle no ris an t-slait sin.
Faodaidh iad ar cuideachadh no ar cronachadh agus is dòcha gur e taghadh (eile) a tha sin cuideachd!