Saoil nach e co-obrachadh, seach farmad, a nì treabhadh?

Aonghas Phadraig Caimbeul


Gnothach inntinneach a th’ ann am farpais, agus tha mi air a bhith beachdachadh air, agus a’ rannsachadh mun, chuspair o chionn ghoirid.

Carson a tha sinn farpaiseach, a bheil a h-uile cultar farpaiseach, agus dè tha e ciallachadh?

Tha fhios againn uile gu bheil farpaisean anns gach àite agus anns gach raon: farpaisean eadar sgiobaidhean buill-coise; farpaisean iomain; farpaisean tennis; farpaisean snàmh; farpaisean chon-chaaorach; farpaisean seinn is ciùil (Am Mòd!); farpaisean gàirnealarachd (cò aig a tha an tuineap as motha!); farpaisean phoilitigeach aig àm nan taghaidhean; farpais gach latha eadar Am Pàrtaidh Tòraidhean is Làborach is Nàiseantach is uaine is eile; farpais eadar bhancaichean – cò is fheàrr (no as miosa) Banca na h-Alba no Banca Riòghail na h-Alba? – farpais eadar am BBC agus ITV son luchd-amhairc a thàladh, farpais eadar eileanan mu dheidhinn cò an t-eilean as bòidhche, agus mar sin air adhart agus mar sin air adhart.

Smaoinich fhèin air na gaisgich a tha sinn air togail suas ann an eachdraidh o chionns gun do ghlèidh iad ann am farpais.

Sgioba Celtic a rinn an gnothach air Inter Milan ann an Cuach na h-Eòrpa ann an 1967.

Jesse Owens a ghlèidh ceithir Buinn Òir anns na h-Oiliompaics am Berlin ann an 1936.

Calum Ceanadach a ghlèidh Buinn Òir a’ Chomainn Ghàidhealaich ann an 1955 agus Duais Seinn na Cruinne ann am Mosgo ann an 1957.

Martina Navratilova a ghlèidh Wimbledon grunn thursan.

Gary Kasparov a choisinn Farpais Tàileisg an t-Saoghail grunn thursan.

Dòmhnall Beag MacLeòid is Iain Burgess is iomadh pìobaire eile a ghlèidh iomadh farpais.

Tha farpaisean àraidh ann gun teagamh.

Tha an nighean agam, Brìghde, an-dràsta ri linn a’ ghlasaidh a’ teagasg na pìoba do bheagan dhaoine air feadh an t-saoghail, agus dh’inns i dhomh an latha roimhe gun do ghlèidh fear a tha i teagasg thall ann an Aimearagaidh Duais Pìoba nan Stàitean Aaonaichte an uiridh.

Ach chan ann air a’ phìob mhòr no air a’ phìob bhig ach air a’ phìob-chrèadha! A’ phìob-smocaidh!

Oir – smaoinich air an seo – tha farpais smocaidh mòr a’ dol gach bliadhna ann an diofar dhùthchannan, agus an uair sin bidh gach fear no tè a ghlèidheas farpais na rìoghachd aca fhèin a’ dol air adhart gu Farpais Smocadh-Pìob na Cruinne!

Tha mi smaointinn gun robh am farpais an uiridh anns an Eadailt agus ri linn a Chornoa Bhiorais feumaidh e dhol bhiortail am bliadhna!

Tha farpaisean ann ag diofar ìrean, ach is e am fear mòr cò as slaodaiche smocas 3 unnsan de thombaca. Abair e.

Tha na riaghailtean aca nas teinne na riaghaltain a’ Chomainn fhèin. Seo dìreach a’ chiad phàirt dhiubh ( tha 46 riaghailt ann uile gu lèir!):

Regulations

PURPOSE OF THE COMPETITION
The purpose of the competition is to have participants or teams to smoke a pipe for the longest possible period of time without relighting it and to determine who does this longest.

Each participant or team will have to use the same amount of tobacco, a similar pipe and tamper.

PARTICIPATION
Art. 1
Only persons over the age of 18 and members of pipesmoking clubs affiliated to the national pipe club, member of the CIPC, can take part in the competition.
Art. 2
The organizing association has the right to limit the number of participants. However the limit must be stated when the association is appointed to organize the competition.

TOBACCO
Art. 3
Participants will only use the tobacco selected by the organizers of the competition.
Art. 4
The quantity of tobacco to be used will be three grams.
Art. 5
The organizers will make the name of the selected tobacco known, together with the full programme of the event, latest two months in advance….

Nach e a’ chailleach gasta seo bhiodh airidh air an duais!

Tha farpaisean cho sean ri mac an duine fhèin.

Tha cunntas is iomradh orra air feadh an t-saoghail, eadar fìor sheann chultaran tùsanach agus cultaran ditsiteach an latha an-diugh.

Cha b’ ann aig Ibrox no Parkhead no gu dearbha ann am Baile na h-Àithne ri linn nan Oiliompaics anns A’ Ghrèig a thòisich farpaisean.

Tha arceòlaichean agus anthropolgists a’ togail fianais gu bheil farpaisean a’ dol air ais chun an àm a bha daoine fuireach ann an uamhan.

Agus creididh mi e – nach faic thu fhèin balach òg a’ tighinn a-mach à uamh le clach is bolg no le siaghead is bogha agus a’ piobrachadh a’ charaid a dhol a-null pìos air a’ mhachair agus faicinn cò ’s fhaide thilgeas a’ chlach no an saighead?

Nach e sin a rinn sinne nar n-òige: cò ruitheas as luaithe, cò as fheàrr a ghlacas am ball, cò as dàine dhol a-mach air an locha, cò as làidire a thogas a’ chlach mhòr?

Gu ìre mhòr is e rud fireann a tha seo, airson an neart agus an cliù agus am fèin-aithne a sheideadh suas. (Chan eil mi smaointinn gun do ghlèidh mi rèis riamh ged a bha mi anns an dàrna àite a thaobh sabaid-dùirn ann an Sgoil Ghearradh na Mòineadh! Rinn balach gasta foghainteach, Iain Dhòmhnaill Aonghais ’ic Eachainn nach maireann, à Baghasdail, an gnothach orm, gun dragh sam bith).

Chan e moladh a tha mise dèanamh air farpaisean, oir ged a chuireas farpais gleus air do sgilean no do neart, tha e cuideachd cunnartach ann a bhith a’ sgaradh saoghal na dhà leth: iadsan a bhuannaich agus iadsan a chaill.

Nach cluinn thu clann-sgoile agus pàipearan-naidheachd agus uaireannan nàbhachd ag èigheach ‘Loser’ as do dhèidh?

Nach iomadh turas a chuala mi e mar Ghàidheal: cànan a bh’againne (thuirt iad) a bha suarach is deireannach; cànan a bha gad chumail air ais; cànan nan ‘losers’.

Ged a tha iomadh dualchas air feadh an t-saoghail stèidhichte air farpais, tha dualchasan ann cuideachd nach eil.

Coimhearsnachdan far a bheil co-obrachadh (seach farpais) nas cumanta – fìu’s ged a tha an seanfhacal Gàidhlig againn ag ràdh ‘ ’S e farmad a nì treabhadh!’

Oir feumaidh sinn cuimhneachadh – math agus gu bheil na seanfhaclan – gu bheil iad ro-bhauilteach beachdan is feallsanachdan dhaoine a dhaingneachadh seach a cheasnachadh.

Dìreach o chionn s gu bheil abairt cumanta, chan eil sin ga dhèanamh ceart: dìreach mar nach eil taghadh an t-sluaigh daonnan ceart. Seall mar a thagh an sluagh a bha an làthair air an latha Barabas seach Crìosd!

Tha e air a bhith inntinneach dhomh cuideachd gu bheil na rannsachaidhean agus na cruinneachadhean a rinn Iona agus Peadar Opie anns na 1950an agus na 1960an (Children’s Games in Streets and Playgrounds agus The Lore and Language of Schoolchildren, mar eisimpleir) a’ dèarbhadh nach eil clann bheag, air am fàgail leotha fhèin, idir farpaiseach.

Gun teagamh tha ‘farpaisean’ eatarra ach tha na riaghailtean ceangailte ri na geamaichean fada nas sùblaichte agus nas fosgailte na tha na riaghaltan ceangailte ri Smocadh-Pìob, no fàrapis-phìobaireachd.

Mar eisimpleir, an àite dìreach cò a ruitheas nas luaithe bhiodh a’ chlann fhèin a’ dèanamh tionndaidhean air na geamaichean aca: cò a bu luaithe ruitheadh a’ dol an comhair a chùil, mar eisimpleir, no cò bu luaithe ruitheadh fhads a bha iad a’ leum air aon chois no ceangailte ri cuideigin eile.

Uair no uaireigin ann an geamaichean na cloinne fhèin, buannaichidh a h-uile duine, mar bu chòir.

A-nise càite bheil mo phìob (fuadan!) son Farpais na Cruinne?