’S e am beul a labhras, ach an gnìomh a dhearbhas

Aonghas Phadraig Caimbeul


Chan ill’fhiosam an robh riamh seachdain ann nuair a bha Seanfhaclan Gàidhlig cho iomchaidh.

Tha fhios’am gun can cuid gu bheil an dol a-mach aig Dominic Cummings agus aig an fhear a tha os a chionn (?) Boris MacIain dìreach ceangailte ri ‘Bolgan Beag Westminster’ mar a chanas iad, ach tha e fada nas farsainge agus nas doimhne agus nas cudromaiche agus nas cunnartaiche na sin.

Oir tha na daoine sin, latha as deoghaidh latha, a’ togail fianais gu bheil aon lagh ann airson uaislean (phoilitigeach is eile) na dùthcha seo, agus lagh eile ann dha na daoine cumanta – dhutsa agus dhòmhsa.

A bharrachd air mar a bha daoine faireachdainn nuair a rinn an Riaghaltas (Làborach) ionnsaigh air Iraq air sàilean Seòras Bush, chan fhaca mise daoine cumanta cho crosta agus cho cridhe-briseach agus a tha iad air a bhith le mar a tha An Cuimeanach agus MacIain agus na pupaidean eile anns A’ Chaibineat gan giùlain fhèin.

Agus san giùlain sin air mullach, agus ceangailte ris, an droch-làimsheachaidh a tha air a dhèanamh air an galair Covid 19 le na mìltean mòra nise air air am beatha chall.

Tha e doirbh a thuigsinn a bheil na daoine a tha gar riaghladh mar sin a dh’aona-ghnothach, no tro aineolas agus fèinealachd.

An dara fear dhiubh sin, saoilidh mi. Oir tha na daoine sin – agus tha na ceudan is na mìltean eile dhiubh ann cotach riutha – ann an saoghal far a bheil iad a’ smaointinn gu bheil a h-uile nì aig ceann an corragan.

Gum faod iad dèanamh mar a thogras iad, oir gu bheil airgead is cumhachd aca.

Sin an togail a fhuair iad – socharaichte bhon òige. Cha robh aca ach airgead iarraidh air Dadaidh agus fhuair iad e. Cha robh aca ach càr iarraidh bho Mhamaidh agus siud e. Mar Rees-Mogg, chaidh deagh chuid dhe na daoine sin a thogail le spàinn-airgid nam beul, seach an spàinn-fhiodh a bh’aig a chòrr againn son gabhail a’ bhrochain.

Ma bha spàinn idir againn, seach ar crògan…

MacIain fhèin (Alexander Boris de Pfeffel Johnson) a chaidh gu Eton agus an uair sin gu Oilthigh Oxford.

An Cuimeanach a chaidh gu sgoil phrìobhaiteach ann an Durham agus an uair sin gu Oilthigh Oxford.

Jacob Rees-Mogg, a chaidh gu Eton agus an uair sin gu Oilthigh Oxford.

Rishi Sunak a chaidh gu sgoil phrìobhaiteach Winchester agus an uair sin gu Oilthigh Oxford.

Matt Hancock a chaidh gu sgoil phrìobhaiteach ann an Chester agus an uair sin gu Oilthigh Oxford.

Dominic Raab a chaidh gu sgoil-thaghte ann an Amersham agus an uair sin gu Oilthigh Oxford.

Mìcheal Gove a chaidh gu sgoil phrìobhaiteach an Obar Eadhain agus an uair sin gu Oilthigh Oxford.

Pàtran, methinks m’Lud, mar a thuirt am bodach eile.

Tha na daoine sin a tha riaghladh na dùthcha air a bhith socharaichte (privileged) on òige, agus mar sin is dòcha nach eil aon iongnadh gu bheil iad dhen bheachd gum faiod iad na thogras iad a dheanamh.

Tha an lagh agus na riaghailtean agus modh agus ceartas airson daoine eile – airson nan gloicean bochda mar sinne aig nach eil mìltean mòra anns a’ bhanca no an dàrna agus an treas dachaigh a-muigh anns an dùthaich. Anns na Shires.

Agus an tug sibh an aire mar a bheir na daoine sin ‘Cottage’ air na togalaichean mòra a th’ aca airson nan làithean-saora air A’ Ghàidhealtachd?

O chionns gu bheil iad cho cleachdte ri faighinn an dòigh fhèin, chan eil e gu diofar dhaibh ciamar a gheibh iad e, fhad’s a gheibh iad e.

Chan e dìreach gu bheil iad cleachdte ri innse nam breugan (O, is iad a tha) ach tha iad cho cleachdte ri an innse agus nach eil dòigh aca tuilleadh an diofar eadar a’ bhreug agus an fhìrinn athneachadh.

Tha a’ bhreug cho nàdarra dhaibh agus gur e an fhìrinn a th’innte, agus an fhìrinn cho coimheach dhaibh agus gur e a’ bhreug a th’innte. (Tha an aon rud ri ràdh mu dheidhinn Trump).

Le sin, bha e gu math intinneach suidhe an latha roimhe agus coimhead air A’ Chuimeanach ag innse mar a thachair (chan ann gun adhbhar a tha seanfhacal againn ‘Cho fad ’s a bhios craobh ’sa choill bidh foill ’sa Chuimeanach).

Mar mèirleach ann an cùirt, bha iomadh adhbhar (leisgeul) aige, ged nach robh aon dhiubh a’ còmhdachadh an rud a rinn e – an rud a bha feumail dhàsan, a dh’aindeoin gach riaghailt a bha e fhèin agus an riaghaltas anns a bheil e an sàs aig àrd-ìre air innse, latha as dèidh latha, dhan dùthaich.

Mar am mèirleach a dh’fhabh leis a’ phoit òir agus a thuirt leis a’ bhritheamh gun robh feum aige air a’ phoit son mùn, ànn oir bha e ann an èiginn.

Cò nach robh agus nach eil?

Aig an aon àm, mar a tha fhios againn uile, tha na mìltean mòra de dhaoine àbhaisteach air gach nì ìobairt anns na mìosan a chaidh seachad airson fuireach aig an taigh.

Feadhainn a tha air fulang gu mòr, a’ faicinn athair no màthair no seanair no seanmhair no pàiste no càraid a’ bàsachadh, agus gun chead aca dhol faisg orra anns na làithean agus na h-uairean agus na mionadean agus na diogan mu dheireadh.

An cràdh a dh’fhuiling na mìltean mòra le luchd an gràidh a’ bàsachadh gun duine dhen teaghlach faisg orra ach gaisgeach de nurs no neach-cùram a’ cumail greim oirre tro mhiteag phlastaic.

Agus na mìltean de thòrraidhean a tha air gabhail àite gun chead aig an teaghlach no aig càirdean no aig nàibaidhean a bhith an làthair son soraidh slàn bheannaichte fhàgail aca.

Anns a’ cho-theacsa sin, tha na rinn An Cuimeanach agus an taic a tha MacIain agus an riaghaltas a’ toirt dha maslach agus na chùis-nàire.

Cuimhnichidh daoine. Agus mar gach nì eile, thig latha buain.

Fhad’s a tha an sgreamh seo a’ dol air adhart, tha daoine anns na coimherasnachdan a’ seasamh gualainn ri gualainn agus a’ toirt taic do chàch-a-chèile.

Tha an sluagh nas uaisle na na ceannardan, agus mo bheannachd orra airson sin.

Cumhnichidh iadsan cò chuidich ann an latha an àmhghair agus cò rinn na thogair iad, agus bidh toradh fhèin aig an sin.

Mar a tha an seanfhacal eile ga chur: an rud a chuireas duine, buainidh e.