Le Aonghas Phadraig Caimbeul
Tha e air a bhith còrdadh rium bhith dèanamh sreath fon ainm ‘An t-Seachdain seo ann an Eachdraidh’ do BhBC Rèidio nan Gàidheal, oir chan eil seachdain air a dhol seachad nach d’fhuair mi grunn rudan a bha mi air diochuimhneachadh mu dheidhinn, no nach robh mi air cluinntinn mu dheidhinn, agus a tha làn airidh air an cuimhneachadh.
An t-seachdain seo fhèin, mar eisimpleir, Murt na h-Apainne ann an 1752 agus mar a thàinig Rudolph Hess a dh’Alba air itealan agus an uairsin parachute gu talamh ann an 1941.
Sgeul iongantach.
Bha ùidh agam riamh ann an Eachdraidh: saoilidh mi gun tàinig sin bhon sgoil, oir bha am Maighstir Sgoile a bh’ agam ann an Sgoil Ghearraidh na Mòineadh ga dhèanamh gu math tarraingeach – ged is dòcha gun robh barrachd ùidh aige fhèin ann an Geography, no Cruinn-Eòlas, mar a their iad ris an-diugh!
Co-dhiù, b’anns an sgoil bhig sin a dh’ionnsaich mi an Clàr-Eachdraidh ainmeil a bha tòiseachadh le – 55 BC Julies Caesar invaded Britain, Ad 80 Julius Agricola led the Romans into Scotland, 563 St Columba came to Iona… agus mar sin air adhart.
Dà rud: a dh’aindeoin gun robh Gàidhlig aig a h-uile duine san àite agus san sgoil, bha an clàr (agus na leabhraichean uile) ann am Beurla; agus tha clàr sam bith cudromach, chan ann idir airson na th’ air a chlàr, ach airson nach eil air.
Cha robh guth gun do thachair rud sam bith a b’fhiach ainmeachadh air an eilean againn fhìn, a dh’aindheoin làrachan is eachdraidh timcheall oirnn a’ dol air ais gu Linn an Iarainn agus roimhe.
Ach b’anns an Àrd Sgoil (Àrd Sgoil an Òbain) a ghabh mi ùidh ann an dà-rìreamh ann an Eachdraidh – taing don fhear a bha gar teasgasg, Maighstir Anndra Moireach.
Duine còir agus fiosrachail, agus chan ill’fhiosam an e seo cuspairean nan deuchainnean nuair bha mi àm, ach rinn sinn an dà chuspair seo gu sònraichte – An Renaissance, agus Na Cuairtean Mara a thug dùthaich nan Aztecs bho smachd bhrùideal nan Spàinntich.
Dh’ ionnsaich mi na h-uimhir bhuaithe mu dheidhinn Cortez a bharrachd air Michealangelo!
As dèidh sin, rinn mi Eachdraidh (còmhla ri Poileataics) mar Cheum aig an Oilthigh agus ged nach robh mi buileach a’ tuigsinn aig an àm cho dlùth-cheangailte ri chèile agus a tha an dà chuspair sin, tha mi ga thuiugsinn an-diugh.
Oir gun tuigisinn air eachdraidh – air cò às a thàinig sinn agus air na gnothaichean a dh’adhbhraich gun robh rudan mar a bha iad – is beag an teansa gun tuig sinn càite bheil sinn agus ciamar a fhuair sinn a bhith mar a tha sin, gun ghuth a ràdh air an t-slighe agus na cothroman no na taghaidhean a tha romhainn.
Gu mi-fhortanach, nuair a thig e gu deagh chuid de cheannardan phoilitigeach an t-saoghail a tha againn an-dràsta, tha coltas nach eil iad ag ionnsachadh chan e a-mhàin sìon bho eachdraidh, ach nach eil iad ag ionnsachadh sìon a-bharrachd o na gnothaichean uamhasach a tha tachairt timcheall oirnn.
Oir carson eile nach do lean Breatann eisimpleir dhùthchannan eile, a dh’fhuiling agus a dh’ionnsaich mun Choròna-Bhìorais mus do bhuail e oirnne?
Nach e sin beatha – a bhith ag ionnsachadh bho càch-a-chèile?
Tha mise, mar a tha a h-uile duine eile, dìreach air m’ uamhasachadh air na tha air tachairt aig Home Farm ann am Port Righ – agus ann an iomadh dachaigh-èiridinn eile feadh na rìoghachd – agus mur an ionnsaich sinn leasanan mòra bhon truaighe sin, mo thruaighe buileach oirnn.
Tha fhios gu bheil an t-àm (seachad) son dèiligeadh gu ceart (mu dheireadh thall) ri slàinte agus gu h-àraidh ri obair-sòisealta agus cùram sheann daoine anns an dùthaich seo?
Oir mura bheil iarraidh no comas againn coimhead as deoghaidh ar seann daoine, tha sinn ann an staid uamhasach.
Tha mi am dòchas – agus tha fhios gun tachair seo – gum bi rannsachadh-poblach ann aig ceann gnothaich chan ann a-mhain air mar a thachair aig Home Farm ach ann an iomadach taigh-eiridinn eile feadh na dùthcha.
Leugh mi an-diugh fhèin gun robh 40 per cent dhen 40,000 is còrr a bhàsaich anns an rìoghachd seo thuige seo ri linn a Choròno-Bhìorais air a bhith ann an taighean-cùraim.
Tha sin sgràthail agus feumar a chur ceart.
Le bhith ag ràdha sin, tha mi cuideachd airson a ràdh gu bheil an luchd-obrach anns na dachaighean-cùraim sin air a bhith nan gaisgichiad fhèin.
Gu tric gun dìon (PPE) tha iad air iad fhèin a chuir ann an cunnart, a’ frithealadh nan daoine tinn a tha nan cùram, agus chan urrainn dhuinn ach moladh a dhèanamh orra air son sin.
Tha gu leòr cuideachd air am beatha, gu litereil, a chall a’ coimhead as dèidh nan euslaintich.
Is e an structar a dh’fheumar atharrachadh agus chan e an luchd-obrach a tha trang agus dìcheallach (air tuarastal fada ro ìosal.)
A dh’aindeoin gach duilgheadas a tha againn san dùthaich, tha an rìoghachd seo fhathast beartach – air no ciamar idir as urrainn dhuinn na billeanan mòra chosg fhathast air innealan-sgrios mar Trident?
Nach e taghadh e th’ann – Trident no Taighean-Cùraim; cogaidhean no cungaidhean-leighis?
Mar as luaithe a thig na seribhisean slàinte is sòisealta seo uile dhan roinn phoblach, seach a bhith air an ruith son prothaid sa roinn phrìobhaiteach is ann is fhèarr.
Mar as fhaisge tha cumhachd air na coimhearsnachdan ionadail is ann is fhèarr, seach gnothaichean a bhith air an ruith gun dragh o fhad às.
Chan eil sìon cho prìseil ri daoine an àite fhèin a gabhail sealbh agus uallach agus cùram son nan gnothaichean tha b’unntainn dhaibh.
Le maoineachadh is taic ceart on riaghaltas, thèid aig ar daoine fhèin na seribhisean a thoirt seachad ann an doigh fada nas fheàrr na buidheann sam bith a tha stèidhichte fad às.