Iasgairean a’ moladh gun tèid cidhe Chaol Acain a chàradh is a leasachadh

 

 

MÌCHEAL RUSSELL

Tha iasgairean às a’ Chaol is à Caol Acain a’ feitheamh ri fios bho Chomhairle na Gàidhealtachd air dè tha iad an dùil a dhèanamh mun mheirg is milleadh a tha an t-sìde air a dhèanamh air cidhe nan iasgairean ann an Caol Acain.

Sheall sgrùdadh air structar a’ chidhe a rinn a’ Chomhairle o chionn ghoirid gun robh 10 de na 28 puist fhiodha air co-dhiù 20 às a’ cheud den tomad aca a chall air sàillibh gun robh iad air grodadh. Bha feadhainn de na sailean-tarsainn air grodadh beagan cuideachd agus an acfhainn mheatailt a bha gan ceangal air meirgeadh.

Thuirt fear-labhairt airson nan iasgairean: “Tha cidhe nan iasgairean ann an Caol Acain ann am fìor dhroch staid. Far am b’ àbhaist gum b’ urrainn dhuinn carbadan a thoirt a-nuas, tha e cunnartach ann an cuid a dh’àiteachan fiù ’s coiseachd air a-nis. Tha an sgrùdadh mu dheireadh a’ toirt dhuinn fiosrachadh math air staid nam post agus nan sailean-taice, ach gus a bheil fios againn air dè chosgadh e seo a chur ceart agus dè na roghainnean a th’ ann, cha bhi fios againn air dè ghabhas dèanamh.

“Feumaidh daoine cuimhneachadh air cho cudromach ’s a tha an cidhe dhan choimhearsnachd. ’S e Caol Acain an caladh as fheàrr airson bhàtaichean beaga fad iomadh mìle mun cuairt agus tha e na dhachaigh do aon de na luingeasan as motha air a’ chosta seo a bhios a’ cleachdadh acfhainn stèidhichte. Tha tòrr chothroman ann tòrr a bharrachd leasachaidh a dhèanamh air. ’S e call mòr a bhiodh ann nam biodh cion airgid sa bhuidseat a’ ciallachadh nach fhaodamaid ach bruidhinn air seann chidhe a chàradh an àite a bhith a’ bruidhinn air goireas fìor mhath a thoirt gun ath ìre, chan ann dìreach airson Caol Acain ach airson math na sgìre air fad.”

 

Thuirt Manaidsear Chalaidhean na Comhairle, Tony Usher: “Feumaidh sinn measadh a dhèanamh air dè an obair a tha dhìth agus airson fhaicinn an gabh an obair sin a dhèanamh gun cus cosgais. Ma thachras gun gabh, feumar an obair chàraidh a chur mu choinneamh buidseit agus thèid a phrìomhachas a thomhas an coimeas ri obraichean eile agus cosgaisean eile a thig bhon bhuidseat sin.”

 

Thuirt an comhairliche ionadail, Iain MacFhionnlaigh, a bha sa chathair aig coinneamh mun chùis seo an t-seachdain sa chaidh: “Feumar làn mheasadh a dhèanamh fhathast air na tha toraidhean sgrùdadh na Comhairle a’ ciallachadh, ach tha mi an dòchas gun tachair sin a dh’aithghearr feuch am faigh na daoine a bhios a’ cleachdadh a’ chidhe beachd air dè tha dhìth gus an cidhe a leasachadh agus a dhèanamh nas sàbhailte.

 

“’S e buidheann adhartach a th’ anns a’ bhuidheann iasgairean ionadail agus tha iadsan, agus a’ choimhearsnachd, airson gun tèid rannsachadh a dhèanamh air ciamar a ghabhas an cidhe agus an caladh fhèin a leasachadh a chum maith gach duine a chleachdas e, a’ gabhail a-steach luchd-turais. Leis a’ sin, bheir toraidhean an sgrùdaidh seo bunait mhath dhuinn gus tòiseachadh air cùisean a ghluasad air adhart.”