Solais Nollaig Ulapuil a’ tarraing luchd-turais

Ullapool Festive Lights 2017 by Steven Gourlay Photography

Chaidh solais Nollaig Ulapuil a chur air an t-seachdain sa chaidh agus thàinig grunn luchd-turais bho thaobh a-muigh a’ bhaile airson am faicinn.

Thuirt an neach a chuir an tachartas air dòigh, Raibeart Hicks, gun tàinig daoine bho Inbhir Nis agus bho àiteachan eile gus coimhead air na solais a’ dol air agus a’ chraobh Nollaig shònraichte aca a tha air a togail le clèibh. Chaidh suidsichean a chur air timcheall a’ chala nuair shèid an MV ‘Seaforth’ a dùdach Diardaoin.

“Tha JK Rowling air tweet a sgaoileadh ag ràdh cho brèagha ’s a tha a’ chraobh, agus chaidh an tweet aice a mholadh agus ath-sgaoileadh mìltean de thursan, agus tha sin air fìor dheagh shanasachd a dhèanamh air an tachartas,” thuirt e. “’S e a tha fa-near dhuinn leis na solais, rudeigin a chur air dòigh airson na coimhearsnachd agus daoine a tharraing a dh’Ulapul sa gheamhradh.”

Tha taic-airgid airson solais Nollaig Ulapuil a’ tighinn bho thabhartasan a gheibhear aig an fhèis chiùil, Loopallu, agus bho luchd-gnothaich ionadail. Thuirt Mgr Hicks gun robh iad air na ciad chòmhlain a ghleidheadh airson fèis na h-ath bhliadhna mu thràth.