Briseadh-dùil ann a thaobh obair aig Gàrradh Chiseoirn

MÌCHEAL RUSSELL

Tha an stiùiriche aig a’ chompanaidh a rinn ath-leasachadh air gàrradh Chiseoirn air dearbhadh an t-seachdain seo gur dòcha nach tòisich obair sa ghàrradh gus buinn choncrait a thogail airson an tuathanais-gaoithe aig Kincardine Offshore gu 2019.

Bha naidheachd, a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain sa chaidh aig co-labhairt ann an Glaschu mu dheidhinn cumhachd ath-nuadhachail aig muir, na “bhriseadh-dùil mòr” do dh’Alasdair Fearghasdan bho Kishorn Port Ltd. Chaidh a ràdh aig a’ cho-labhairt gun robh “trioblaidean solarachaidh” air èirigh don chompanaidh Spàinnteach ACS, aig a bheil a’ mhòr-chuid de shealbh air Kincardine Offshore Windfarm Ltd, agus gun robh sin air dàil mhòr a chur air a’ chlàr-ama airson na h-obrach.

Aig a’ cho-labhairt, thuirt an t-àrd-oifigear aig KOWL, Ailean MacAsgaill, ris an luchd-èisteachd gun deigheadh dà chrann-gaoithe nas lugha, le dà mheaga-uat an urra, a thogail ron t-Sultain an ath-bhliadhna gus an ceann-latha a choileanadh a thaobh ìrean solarachaidh airson diofar dhòighean gus dealain a chruthachadh fon sgeama, Teisteanasan airson Dleastanasan a thaobh Cumhachd Ath-nuadhachail. Ge-tà, thuirt Mgr Fearghasdan nach fheumadh na croinn-ghaoithe nas lugha buinn choncrait, a bha gu bhith air an togail ann an Ciseorn do KOWL.

“Tha seo na bhuille glè chruaidh do KOWL agus ’s e briseadh-dùil mòr a th’ ann,” thuirt e. “Tha sinn air dà bhliadhna a chur seachad a’ cur a’ ghàrraidh agus an doca-tioram air dòigh. Ach tha sinn dòchasach fhathast, oir ’s e am plana a th’ ann na croinn-ghaoithe a leudachadh gu còig meaga-uat an urra aig deireadh na h-ath-bhliadhna no ann an 2019 agus feumaidh sinn ullachadh gus tairgse a chur a-steach airson na h-obrach sin.”

A rèir aonta eadar ACS is KPL, bha còir aig an obair air na buinn choncrait a bhith air tòiseachadh ann an Ciseorn san Lùnastal.