Fhathast a’ feitheamh ri beachd bho Scottish Sea Farms air bradain mharbh à Loch Chiseoirn

 

 

 

 

 

 

MÌCHEAL RUSSELL

B’ ann à tuathanasan-èisg ann an Loch Chiseoirn a thàinig luchd de bhradain marbh a chunnacas ann an dà làraidh ann an Caol Loch Aillse o chionn ghoirid, tha Luchd-sgrùdaidh Slàinte an Èisg (LSE) air dearbhadh.

Cuideachd, tha LSE air innse dè thug bàs dhan iasg às dèidh dhaibh ceistean fhaighinn bho neach a bhios ag iomairt an aghaidh thuathanasan-èisg, Niall MacKillop às a’ Ghearasdan.

Sa phost-d aca thuirt iad: “A rèir fiosrachaidh air adhbharan bàis a fhuair LSE bho thuathanasan-èisg ann an Loch Chiseoirn, b’ e a thug bàs dhan iasg tinneas nan giùranan, cardiomyopathy syndrome agus anaemia.”

Thuirt LSE cuideachd gum feum cead sònraichte a bhith agad gus iasg marbh sam bith a ghluasad,  nuair a tha iad air “ciad stiùireadh no stiùireadh dearbhte fhoillseachadh gus smachd a chumail air galar ainmichte no galar a tha air nochdadh”. ’S e Scottish Sea Farms a tha a’ ruith nan tuathanasan-èisg ann an Loch Chiseoirn ach cha robh iad rim faotainn airson beachd a thoirt seachad air bàs an èisg.

Aig a’ cheart àm, a rèir a’ Scottish Salmon Company, cha robh fìrinn sam bith sa bheachd gun robh an tinneas bacteria Pasturella skyensis air bualadh air na làraich aca ann an Leòdhas. Thuirt Mgr MacKillop gun robh an tinneas air nochdadh sna cèidsichean aca ann an Loch Ròg an Ear is an Iar.

Ge-tà, thuirt neach-labhairt airson SSC: “Cha d’ fhuair sinn iomradh sam bith air an tinneas seo bho na làraich againn ann an Loch Ròg.”

Tha an tinneas seo air bualadh mu thràth air na làraich aig Marine Harvest ann an Loch Eireasort ann an Leòdhas, agus thug e bàs do mu 125,000 bradan.