A’ Chomhairle a’ diùltadh innse dè tha SSE a’ pàigheadh airson lannan nan crann-gaoithe a stòradh aig Aisig

MÌCHEAL RUSSELL

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air diùltadh innse dè tha an companaidh, Cumhachd na h-Alba is a’ Chinn a Deas (Scottish and Southern Energy), a’ pàigheadh gus lannan airson croinn-ghaoithe a stòradh aig Raon-laighe Aisig san Eilean Sgitheanach.

San fhreagairt bhon Chomhairle do dh’iarrtas a fhuair iad fo riaghailtean Saorsa an Fhiosrachaidh, thug iad lethbhreac seachad den aonta le naodh duilleagan ris an do chuir SSE an ainm, ach bha na suimeannan a bha aig a’ chompanaidh ri phàigheadh air an dubhadh às.

Thug iad seachad an t-adhbhar airson sin sa phost-d a thàinig leis an fhreagairt aca: “Tha a’ Chomhairle air na suimeannan a tha rim pàigheadh a dhubhadh às … thoradh tha i den bheachd, nan deigheadh na figearan sin fhoillseachadh, gum faodadh sin cron a dhèanamh air suidheachadh coimeirsealta SSE. Tha sinn den bheachd, nan deigheadh na figearan fhoillseachadh, gun dèanadh e cron air obair-ghnothachais SSE a thaobh cho comasach ’s a bhiodh e dhaibh aontaidhean a chur air dòigh san ùine air thoiseach le companaidhean eile agus dh’fhaodadh companaidhean eile a tha a’ farpais nan aghaidh brath a ghabhail air an fhiosrachadh.

“Faodaidh sinn a dhearbhadh gu bheil an t-airgead a thathar a’ faotainn ga ghleidheadh gus a chosg air bun-structar airson an raoin-laighe, leithid thogalaichean airson luchd-siubhail agus luchd-obrach a’ phuirt-adhair, agus cuidichidh e le bhith a’ toirt an amais air adhart gus seirbheisean-adhair cunbhalach a stèidheachadh.”

Ged a tha SSE air a bhith a’ stòradh lannan aig Aisig airson cha mhòr dà bhliadhna, tha an t-aonta leis a’ Chomhairle ag ràdh gur e 1 Sultain 2017 an “latha airson tòiseachadh” leis an obair sin. Tha an t-aonta – a tha dìreach a’ gabhail a-steach nan lannan airson tuathanas-gaoithe Shròn Lairig faisg air Cille Chuimein – a’ dol a thighinn gu ceann air 1 Samhain 2018.

A rèir an aonta, pàighidh SSE aon chaob de dh’airgead don Chomhairle air an latha a thòisicheas an t-aonta, agus caob eile ro 30 Ògmhios 2018 (fhad ’s nach eil an companaidh air crìoch a chur air an aonta); pàighidh iad cosgaisean gach seachdain, aig diofar ìrean as t-samhradh is sa gheamhradh; agus pàighidh iad “cìs airson goireasan stòraidh gach seachdain”, ma chleachdas SSE gin de na goireasan stòraidh a tha aig an raon-laighe.