Còrr is 1,000 oileanach air ceumnachadh bhon t-Sabhal Mhòr

Le ceumnachd na bliadhna sa tha Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, air clach-mhìle shònraichte a chomharrachadh agus còrr is 1,000 oileanach a-nis air teisteanas no ceum a thoirt a-mach bho thòisich iad a’ ceumnachadh ann an 1985.

Cheumnaich 67 oileanaich Dihaoine sa chaidh (6 Dàmhair) agus iad a’ toirt teisteanas a-mach aig diofar ìrean eadar teisteanas àrd-ìre, dioplòma, ceum is for-cheum. Tha 1052 oileanaich a-nis air ceumnachadh bho Sabhal Mòr Ostaig OGE. Tha prògram ceuma na Colaiste a’ gabhail a-steach diofar chuspairean, a bharrachd air a’ Ghàidhlig fhèin, leithid nam meadhanan, leasachadh, ceòl traidiseanta agus cultar na Gàidhlig. Tha a’ Cholaiste cuideachd a’ tabhann aon chùrsa for-cheuma, MSc Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd; agus gabhaidh tòrr de chùrsaichean an t-Sabhail a dhèanamh air astar.

Thuirt Leas-phrionnsapal agus Stiùiriche an Fhoghlaim, Iain Tormod MacLeòid: “’S e fìor adhbhar toileachais a th’ ann gu bheil còrr ’s mìle oileanach air ceum no teisteanas adhartach eile fhaighinn tro Shabhal Mòr Ostaig OGE, le mòran dhen luchd-ceumnachaidh sin an sàs ann an obraichean agus iomairtean far a bheil gleidheadh agus ath-bheothachadh na Gàidhlig aig cridhe chùisean. Tha sinn cuideachd air leth toilichte gun do bhuannaich Hannah NicDhiarmaid, oileanach BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig, Duais Oileanach Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean na Bliadhna. Seo an dàrna turas a tha oileanach bho Shabhal Mòr Ostaig OGE air an t-àrd urram seo a chosnadh.”

Chaidh Hannah NicDhiarmaid à Tòrabhaig san Eilean Sgitheanach ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Oileanach na Bliadhna airson Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean air fad, às dèidh dhi dìcheall is dealas nach beag a nochdadh na h-obair. Tha Hannah air ceum BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig a thoirt a-mach air astar fhad ’s a bha i a’ dèiligeadh ris an tinneas cystic fibrosis a bhios a’ toirt buaidh air na sgamhain agus air a’ chomas aig daoine gus biadh a chnàmh.

A thuilleadh air na teisteanasan acadaimigeach a chaidh a thoirt seachad, chaidh an t-urram Sàr Ghàidheal a bhuileachadh air dithis a tha air saothair mhòr a dhèanamh a thaobh dualchas, cultar agus cor na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean: an Dr Urramach Ruairidh MacLeòid, à Uibhist a Tuath, agus Iain MacLeòid à Leòdhas.

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ollamh Boyd Robasdan: “Tha an dithis air a bheil sinn a’ buileachadh inbhe Sàr Ghàidheil am-bliadhna glè aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig agus fìor airidh air an urram. Tha maitheas na Gàidhlig nan smior agus tha an gnìomhan às leth a’ chànain is an dualchais air a bhith suaicheanta. Tha an Dr Urramach Ruairidh MacLeòid air obair ionmholta a dhèanamh ann an iomadh raon; san eaglais, sa choimhearsnachd, ann an obair rannsachaidh, sgoilearachd, sgrìobhaidh is foillseachaidh agus ann an obair comhairle. Tha Iain MacLeòid air a bhith a cheart cho dealasach na shaothair a’ strì airson chòraichean is inbhe dhan chànan agus airson foghlam tron Ghàidhlig agus mar bhall de dhiofar bhuidhnean leasachaidh is na Cheann-suidhe air a’ Chomunn Ghàidhealach. Dà Leòdach às am bitheadh bana-bhàrd a’ chinnidh, Màiri Nighean Alasdair Ruaidh, da-rìribh moiteil!”

Chaidh Òraid na Ceumnachd a thoirt seachad le Sìne Ghilleasbuig, tè a bha na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig agus a tha air Bòrd Stiùiridh na Colaiste agus a tha air tòrr a dhèanamh dhan Ghàidhlig aig ìre na coimhearsnachd thar nam bliadhnaichean.

San òraid aice thuirt i: “Bu toil leam meal-a-naidheachd a chur air a h-uile fear agus tè a tha a’ ceumnachadh ann an raon farsaing de chuspairean à Sabhal Mòr Ostaig am-bliadhna seo. ’S iomadh clach-mhìle a tha sinn air coisinn thar nan iomadh bliadhna bho dh’fhosgail SMO a dhorsan an 1973. Nam oileanach an seo barrachd is aon turas, chuir mi seachad feadhainn de na bliadhnaichean bu bhuidhe a bha agam riamh. Cha d’ fhuair mi ach càirdeas agus cobhar sna seòmraichean-teagaisg, san leabharlann, san taigh-chèilidh agus san t-seòmar-bìdh. Cò nach togadh misneachd ann an àrainneachd ionnsachaidh cho tlachdmhor?

“Tha mi pròiseil gu bheil SMO air grèim teann a chumail air a lèirsinn agus gu bheil spiorad làidir, neo-eisimeileach eadarainn. ’S e ionad cruthachail dha na h-ealain a th’ ann cuideachd, far a bheil spèis ga thoirt dhan dualchas luachmhor againn. ’S e mo dhòchas gur ann mar sin a bhios ar n-Ionad Nàiseanta Gàidhlig gu sìorraidh.
“Tha mi a’ cur luach air coimhearsnachd an t-Sabhail. Thar nam bliadhnachan, tha SMO an dèidh oileanaich, òraidichean, luchd-ealain is luchd-obrach a tharraing thuige a tha air a bhith tàlantach, cliùiteach agus còir. Tha mi fortanach gu bheil uimhir nan caraidean beatha dhòmhsa.”