Fèis an Eilein Duirche a’ cur £420,000 ri eaconamaidh Uibhist is Beinn a’ Bhadhla

Tha rannsachadh air sealltainn gun do chuir Fèis an Eilein Duirche agus na daoine a bha an làthair aig an fhèis san Iuchar £420,000 ri eaconamaidh Uibhist is Beinn a’ Bhadhla agus gun do chuidich an fhèis le bhith a’ cur dìon air ochd obraichean an lùib turasachd.

B’ e seo an dàrna bliadhna aig an fhèis, a chaidh a chumail ann am Beinn a’ Bhadhla, agus chaidh a h-uile gin de na 3,000 tiogaid a reic airson an dà latha, sin àrdachadh de 141 às a’ cheud bho 2016.

A rèir an sgrùdaidh a rinn MKA Economics bho Shruighlea air buaidh eaconamach na fèise, chaidh mu £420,000 a chosg le luchd-tadhail mar thoradh air an airgead phoblach luach £33,500 a chaidh a thoirt seachad airson na fèise. A rèir an rannsachaidh, thàinig còrr is leth de na daoine a chaidh chun na fèise bho thaobh a-muigh nan Eilean Siar, agus dh’fhuirich 28% dhiubh sna h-eileanan airson barrachd air seachdain.

Am measg nan còmhlan a chluich aig an fhèis bha The Dolly Show, Niteworks, Mànran, Hunter and the Bear, Tidelines, Trail West, The Silencers agus the Beinn Lee Ceilidh Band. Chaidh an tachartas ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson na duaise, Tachartas Beag na Bliadhna, aig Buidheann Nàiseanta nan Tachartasan A-muigh.

Thuirt am manaidsear leasachaidh aig EDF, Rodaidh MacAoidh: “Tha turasachd fìor chudromach do dh’eaconamaidh Uibhist, agus tha an rannsachadh seo na adhbhar misneachd dhuinn. Oir tha e a’ sealltainn  mar a tha Fèis an Eilein Duirche a’ tarraing luchd-turais agus a’ cur ris an eaconamaidh ionadail.

“Seo dìreach an dàrna bliadhna againn, agus chuir sinn fàilte air 3,000 duine chun na fèise agus tha na daoine a thàinig chun an eilein air ‘an fhèis chàirdeil’ a thoirt air an tachartas.

“Tha a h-uile duine a tha an sàs ann an EDF ag iarraidh gun còrd an fhèis gu mòr ri luchd-tadhail agus gum falbh iad le cuimhneachain bhlàth air an àite is an fhèis. Tha sinn moiteil às mar a tha measgachadh mòr de luchd-ciùil againn eadar ceòl traidiseanta is ceòl an latha an-diugh agus sin uile ri chluinntinn ann an àite cho sònraichte ris na h-eileanan.

“Tha rudeigin ann dhan teaghlach air fad aig an fhèis, agus gheibh a h-uile duine fàilte is furan mar a bhiodh tu an dùil sna h-Eileanan an Iar. Tha sinn air ar dòigh glan gun deach ar n-ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson na duaise, Tachartas Beag na Bliadhna, aig Buidheann Nàiseanta nan Tachartasan A-muigh.”