Urras ag iarraidh sgrùdadh air co-dhùnadh na Comhairle a thaobh an Stòrr

Tha buidheann coimhearsnachd san Eilean Sgitheanach a’ dol a dh’iarraidh sgrùdadh oifigeil air cùisean às dèidh do mar a chaidh an tagradh aca gus pìos fearainn a cheannach aig Bodach an Stòrr a dhiùltadh.

Tha Urras an Taobh Sear dhen bheachd gun robh an co-dhùnadh a rinn Comhairle na Gàidhealtachd o chionn ghoirid ceàrr agus iad a’ diùltadh tairgse bhon Urras gus fearann faisg air an rathad aig an Stòrr a cheannach, agus gun robh e a’ dol an aghaidh reachdas ùr a tha Riaghaltas na h-Alba air a thoirt a-steach.

Cha do ghabh a’ Chomhairle, na bu thràithe air a’ mhìos seo, ris an Iarrtas airson Stòras a Thoirt Seachad a fhuair iad bho UTS – a’ chiad iarrtas den t-seòrsa sin air a’ Ghàidhealtachd fon Achd ùr airson Cumhachd do Choimhearsnachdan.

Tha UTS ag iarraidh pàirc-chàraichean ùr, taighean-beaga is goireasan eile do luchd-tadhail a thogail ri taobh an rathaid.

Thuirt an t-Urras nach eil miann sam bith air a bhith aig a’ Chomhairle gus feuchainn ri rèite a ruighinn sna sia mìosan a dh’fhalbh, agus bha e na bhriseadh-dùil dhan Urras gun do bhòt an ceathrar chomhairlichean Sgitheanach leis a’ Chomhairle agus iad a’ diùltadh an tagraidh aca.

Bha a’ Chomhairle air £400,000  a chomharrachadh airson cosg air an làrach san t-Samhain 2016, agus dh’iarr UTS gun deigheadh an t-airgead sin a chur mu choinneamh a’ phròiseict aca feuch am b’ urrainn dhaibh an còrr dhen airgead a lorg a leigeadh leotha an leasachadh luach £900,000 a bha san amharc aca a thoirt gu buil.

Thuirt a’ Chomhairle “nach biodh e ciallach” an £400,000 a thoirt seachad agus nan dèanadh iad sin “nach biodh iad a’ cur dìon air math a’ phobaill mar bu chòir” agus nan deigheadh am plana air adhart gus am fearann le àiteachan-parcaidh a sgaradh bhon chòrr dhen fhearann fo shealbh na Comhairle aig an Stòrr “nach biodh an cothrom aca tuilleadh airgead a dhèanamh leis an làrach, ach bhiodh aca ri obair càraidh is gleidhidh fhathast a dhèanamh san àite.”

Chaidh a mholadh, an àite a bhith a’ ceannach am pìos fearainn far a bheil àiteachan-parcaidh, gum faodadh an t-Urras an làrach air fad a ghabhail os làimh, a’ gabhail a-steach coille a chaidh a chur faisg air làimh.

Ge-tà, thuirt UTS gun deach measadh neo-eisimeileach a dhèanamh le Comann nan Coilltean Coimhearsnachd a chomharraich trioblaidean mòra a thaobh a bhith a’ faighinn buannachd bhon choille. A rèir an sgrùdaidh, a-mach às na 30,000 craobh a chaidh a chur ann an 2012, bha còrr is 20,000 dhiubh air bàsachadh.

Bha dragh air an Urras nach biodh airgead gu leòr ann gus a’ choille a ruith agus an ceum a chumail suas, chaidh tuairmse a dhèanamh gun cosgadh an obair sin eadar £25,000 is £50,000 thairis air an ath chòig bliadhna.

Thuirt UTS gun gabhadh iad ri cuireadh bho Stiùbhart MacIlleDhuibh – a tha na chathraiche air Bòrd nam Pròiseactan gus Stòrasan na Comhairle a Chur gu Feum agus a tha na stiùiriche dhan ùghdarras ionadail airson leasachadh is bun-structair – gus coinneamh a chumail mun ghnothach.

Cuideachd, cuiridh iad iarrtas fa leth a-steach ag iarraidh air an ùghdarras sùil as ùr a thoirt air a’ cho-dhùnadh a rinn iad a thaobh an tagraidh. Mura h-obraich sin, dh’fhaodadh UTS iarraidh air an Riaghaltas coimhead air a’ chùis.