Ochd leapannan nas lugha gu bhith ann airson euslaintich leis an ospadal ùr san Àth Leathann

Ospadal an Dr MhicFhionghain san Àth Leathann.

Tha NHS na Gàidhealtachd air dearbhadh gum bi 24 leapannan airson euslaintich san ospadal ùr san Àth Leathann san Eilean Sgitheanach.

Ged a tha 32 leapannan ann an-dràsta sna h-ospadalan san Àth Leathann agus ann am Port Rìgh, tha an t-ùghdarras slàinte cinnteach gun tèid aca air frithealadh air feuman na sgìre, a tha a’ gabhail a-steach Loch Aillse agus Àirde an Iar-dheas Rois, ged a bhios 8 leapannan nas lugha ann.

Thuirt neach-labhairt: “A rèir na h-àireimh de leapannan a tha air an cleachdadh sa chumantas bho latha gu latha san dà ospadal coimhearsnachd, tha coltas ann gu bheil barrachd leapannan againn na tha a dhìth. Cuideachd, tha grunn euslaintich ann a tha a’ fuireach nas fhaide na bu chòir dhaibh agus chan eil adhbhar meidigeach ann airson iad a bhith a’ fuireach. Cha bu chòir sin a bhith a’ tachairt agus sa mhodal ùr thèid dèiligeadh ris a’  chùis, thoradh bithear a’ cur barrachd cuideim air ciad chùram agus seirbheisean coimhearsnachd buadhach far nach bi uiread feum air leapannan san ospadal.

“Tha cruth nan ospadalan a th’ ann an-dràsta cuideachd ag adhbharachadh thrioblaidean agus feumaidh sinn cuid a leapannan fhàgail falamh air sàillibh chùisean co-cheangailte ri gnè agus a bhith a’ cur stad air tinneasan gabhaltach. Bidh rumannan a ghabhas aon neach le goireasan san ospadal ùr agus gabhaidh feum a dhèanamh dhiubh sin ann an dòigh nas sùbailte.”

Tha Ospadal Phort Rìgh a’ dol a chall a h-uile leabaidh aca airson euslaintich a bhith a’ fuireach san ospadal, agus thèid e na aonad airson leòntan nach eil cho dona.

Tha NHS na Gàidhealtachd, airson a’ chiad uair, air dearbhadh dè na seirbheisean a bhios san ospadal ùr. Bidh roinn cùram-èiginneach ann, sgrùdaidhean x-ray is os-fhuaimneach; seirbheisean leighis, a’ gabhail a-steach anacladh-cuirp is leigheas a neartaicheas comasan le seòmar eacarsaich is àite-measaidh ann; bidh 24 leapannan ann airson euslaintich a bhith a’ fuireach ann agus àiteachan-fuirich airson luchd-cùraim/càirdean; seirbheisean màthaireil (a’ gabhail a-steach amar-breith); seirbheisean slàinte airson euslaintich nach eil a’ fuireach san ospadal; ionad sruth-leighis (airson iomlaidean fala agus chemotherapy); rumannan airson chlionaigean agus stèisean Seirbheis Ambaileans na h-Alba.

’S e aon seirbheis nach bi san ospadal ùr, eandoscapaidh, a chaidh a stad ann an Ospadal an Dr MhicFhionghain o chionn grunn bhliadhnaichean air sàillibh dhraghan mu shlàinte is sàbhailteachd.  Aig an àm sin, bha NHS na Gàidhealtachd den bheachd gun gabhadh an t-seirbheis ùr a thòiseachadh a-rithist san ospadal ùr. Tha am bòrd air dearbhadh a-nis nach bi aonad eandoscapaidh san ospadal ùr.

Ann an aithisg a sgrìobh Mgr Seumas Docherty, lannsair colorectal agus ceannard-clionaigeach aig NHS na Gàidhealtachd airson eandoscapaidhean, stèidhichte air rannsachadh a rinn e, chaidh grunn adhbharan a thoirt seachad airson mìneachadh carson nach biodh an leithid de sheirbheis freagarrach tuilleadh.

Thuirt e: “Leis cho beag iarrtais ’s a bhiodh ann airson na seirbheis, cha bhiodh ann ach aon seisean gach seachdain. Bhiodh sin fhèin a’ ciallachadh nach obraicheadh an t-seirbheis thoradh cha b’ urrainn don luchd-obrach na sgilean aca a chumail suas.”

Cuideachd, thuirt an aithisg leis bho beag iarrtais ’s a bhiodh ann airson na seirbheis nach biodh e glic an t-sùim mhòr airgid a dh’fheumte a chosg air goireas eandoscapaidh a thogail, agus cha b’ fhiach e uiread airgid a chosg a dh’fheumte airson na h-uidheamachd agus gus an t-seirbheis a ruith. Bhiodh cosgaisean calpa a-mhàin ann de mu £1.5m.

Mar a chaidh aithris an t-seachdain sa chaidh, gabhaidh ‘PillCam’ a chleachdadh an àite eandoscapaidh a bhios daoine a’ sluigeadh agus clàraidh e dealbhan bho mhionach an euslaintich. ’S e an companaidh Ameireaganach Medtronic a tha a’ dèanamh na h-uidheim ùire.

MÌCHEAL RUSSELL