Oileanaich a’ faighinn cothroman obrach fad mìosan an t-samhraidh

Am bliadhna fhuair 27 oileanaich obair samhraidh air Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach, a tha air a’ ruith le Comunn na Gàidhlig le taic bho Iomairt na Gaidhealtachd is nan Eilean.
Tha na h-oileanaich, a tha fileanta neo ag ionnsachadh Gàidhlig, ag obair còmhla ri gnìomhachasan is buidhnean san treas roinn air feadh na Gàidhealtachd’s nan eilean. Tha an obair a’ seasamh airson co-dhiù 10 seachdainean, rè mìosan an t-samhraidh.

Tha an sgeama ag amas air cothrom a thoirt do oileanaich cothrom obrach fhaighinn còmhla ri gnìomhachasan is buidhnean far a bheil a’ Ghàidhlig na prìomh cànain san àite-obrach.
Tha buannachdan san sgeama dhan luchd-fastaidh cuideachd leis gu bheil iad a’ faighinn obraichean òga misneachail le sgilean sònraichte agus gu bheil iad a’ faighinn taic-airgid airson compàirteachadh san sgeama.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, ceannard Chomunn na Gàidhlig: “Tha sinn air leth moiteil às an sgeama sa a th’ air a bhith a’ ruith gu soirbheachail a-nis airson 10 bliadhna. Thairis na 10 bliadhna sa tha faisg air 250 oileanach air compàirteachadh air an sgeama.

“Am bliadhna sa, tha oileanaich againn sgapte air feadh na sgìrean le feadhainn an Leòdhas, Uibhist a-tuath, Beinn na Fadhla, Uibhist a-deas, Barraigh, Tiriodh, An t-Eilean Sgitheanach agus an Inbhir Nis – tha seo air cothrom a thoirt do oileanaich a th’ ann an colaistean is oilthighean air feadh Alba tilleadh dhachaigh dhan coimhearsnachdan aca fhèin agus beagan cosnaidh a dhèanamh fad mìosan an t-samhraidh.”

Caitlin NicFhearghais a bha air greis gnìomhachais còmhla ri Cànan ann an Slèite.