Fealla-dhà gu leòr ann am panto Fèisan nan Gàidheal

Bha feall-dhà gu leòr mu chuairt nuair a thug a’ bhuidheann dràma “Meanbh-chuileag” am panto Gàidhlig aca air an rathad.

Tha a’ bhuidheann ag obair mar phàirt de Fèisean nan Gàidheal agus thadhal iad air cha mhòr a h-uile sgìre ann an Alba air chuairt a mhair deich la.

Chaidh “Seasaidh agus Sgeul nan Sàilean Seunta” a sgrìobhadh le oifigear dràma na buidhne, Aonghas MacLeòid, agus bha dithis eile den luchd-obrachd — Shona Nic a’ Mhaolain agus Dougie Beck — a’ cleasachd san dealbh-chluiche, a thuilleadh air Eilidh Daniels, a bhuineas do dh’Obar Dheathain ach a tha a-nise a’ fuireach ann an Glaschu.

Bha an sgeulachd ag innse mu nighinn òg a tha air leth math air dannsadh, ach aig nach eil brògan ceart airson a dhèanamh. Na lùib bha spòrs is an t-amaideas àbhaisteach a shaoilear.

Bha an cuairt gu lèir a’ toirt a-steach 16 sgoiltean is tallaichean coimhearsnachd. Anns an dealbh, chithear iad air an àrd-ùrlar ann an Àrd-sgoil Phort Righ.