Chaidh buidheann de chloinn bho Bhun-Sgoil Shlèite a-nall dhan Chaol o chionn ghoirid gus tadhal air stèisean smàlaidh a’ bhaile. Uile gu leir, bha trì duine deug ann bhon Sgoil-àraich Bheurla agus Ghàidhlig agus iad ga dhèanamh mar phàirt de na leasanan aca. Fhad ’s a bha iad ann, choinnich iad ri Donaidh MacIllinnein aig an stèisean agus bha rud eile ma choinneinh neach-cuideachaidh a’ chroileagain Morven Greumach — fhuair i deagh dhrùidheadh!